An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Edward Said"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b →‎Aistean co-cheangailte: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|en}} using AWB (10903)
b ceartachadh ceann-latha
Loidhne 3: Loidhne 3:
| DEALBH = SaidSis.jpg
| DEALBH = SaidSis.jpg
| RUGADH = [[Faidhle:Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg|22px]] [[Ierusalem]] 1 [[An t-Samhain]] [[1935]]
| RUGADH = [[Faidhle:Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg|22px]] [[Ierusalem]] 1 [[An t-Samhain]] [[1935]]
| BÀS = [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] 4mh [[An t-Sultain]] [[2003]]
| BÀS = [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] [[25 an t-Sultain]] [[2003]]
| OBAIR = [[cànanaiche]]
| OBAIR = [[Cànanaiche]]
| CÀNAN = [[Arabais]]/[[Beurla]]
| CÀNAN = [[Arabais]]/[[Beurla]]
| LINN = [[20mh linn]]
| LINN = [[20mh linn]]
Loidhne 14: Loidhne 14:


== Aistean co-cheangailte ==
== Aistean co-cheangailte ==

* [[Orientalism (leabhar)]]
* [[Orientalism (leabhar)]]



Mùthadh on 08:11, 14 dhen Lùnastal 2016

Teamplaid:Sgrìobhadair

B' e sgoilear Palastainianach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalem air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor-òigridh ann an sgoiltean Ierusalem, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.

Aistean co-cheangailte