An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seac MacConaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
beagan de leasachadh
r-s ùr
Loidhne 46: Loidhne 46:
[[Roinn-seòrsa:Ball Pàrlamaid na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Ball Pàrlamaid na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Pàrtaidh Làbarach na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Pàrtaidh Làbarach na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Ball Taigh nam Morairean]]

Mùthadh on 22:39, 4 dhen Mhàrt 2016

Teamplaid:Neach-poileataigs

'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacConaill (Beurla: Jack McConnell). Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.

B' e ceann a' Phàrtaidh Làbarach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.[1]

Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Alamhagh, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche.

Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làbarach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich Làbor gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a' chiad thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an Tobar Mathar agus Wishaw Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a' chiad Prìomh Ministear na h-Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na aite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eòrpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An dèidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an dèidh sgannal ghabh MacConaill àite mar am Prìomh-Mhinistear as aonais co-fharpais sam bith. Thug i na bhall Taigh nam Morairean ann an 2011 agus tha an tiotal Am Morair MacConaill à Gleann Sgoradail aige.[2]

Ainm-sloinnidh sa Ghàidhlig

Tha a h-uile teansa ann gur e MacDhòmhnaill a bh' air a theaghlach bho thùs a chionn ’s gur e Arainneach a th’ ann is a chionn ’s gum biodh ùru ann an Gàidhlig Arainn a dhèanadh fuaimneachadh MacConaill de MhacDhòmhnaill. Ach chan eil fios no cinnte againn mu dheidhinn sin, agus is e “Seac MacConaill” an t-ainm Gàidhlig a bh’ air aig a’ Phàrlamaid,[3][4] agus anns na meadhanan Gàidhlig gu léir nuair a bha e ’na Phrìomh-mhinistear.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Pàrlamaid na h-Alba: Jack McConnell (Beurla). Air a tharraing 3 am Màrt 2016.
  2. An t-Albannach: Holyrood needs rude awakening, says Lord McConnell (Beurla). Air a tharraing 24 an Gearran 2016.
  3. Pàrlamaid na h-Alba: Toraidhean taghaidh 2003 (PDF)
  4. Pàrlamaid na h-Alba: Toraidhean taghaidh 2007 (PDF)