An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dùn Phris"
No edit summary |
|||
Loidhne 19: | Loidhne 19: | ||
==Freumhan an Ainm== |
==Freumhan an Ainm== |
||
A rèir eòlaichean [[freumh-fhaclachd|fhreumh-fhaclachd]], tha e coltach gur ann à ''Caer/Dùn'' agus ainm na treubh Frisianach neo ''Preas'' ann an seann [[ |
A rèir eòlaichean [[freumh-fhaclachd|fhreumh-fhaclachd]], tha e coltach gur ann à ''Caer/Dùn'' agus ainm na treubh Frisianach neo ''Preas'' ann an seann [[Cuimris|Chuimris]] neo [[Gàidhlig]] a th' ann an t-ainm.<ref>[http://www.archive.org/stream/placenamesofscot00johnuoft/placenamesofscot00johnuoft_djvu.txt The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892]</ref> 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an [[7mh Linn]] agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an [[14mh Linn]].<ref>[http://web.archive.org/web/20140831051704/http://www.dgnhas.org.uk/transonline/SerIII-Vol11.pdf Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147]</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig ''Druim'' neo ''Dronn'' a th'ann ainm an àite seo.<ref>[http://www.spns.org.uk/bliton/BLITON2014ii_elements.pdf The Brittonic Language in the Old North]</ref>A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann. |
||
==Eachdraidh== |
==Eachdraidh== |
||
Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an |
Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taigh-sheinnse [[Hole in the Wa']] ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail [[Raibeart Burns]] an seo ann an [[1796]]. Chuir [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]] seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne [[21 an Dùbhlachd]] [[1745]], air an t-slighe air ais a dh'Alba gu ruige na [[Gàidhealtachd]].<ref>[http://www.dumfriesmuseum.demon.co.uk/dumfstory10.html Dumfries Museum]</ref> Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath [[latha]]. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar [[1855]] agus [[1957]], nuair a chuireadh às dhan t-siostam.<ref>[http://www.nrscotland.gov.uk/research/guides/valuation-rolls/notes-on-burghs NRS]</ref> |
||
== Bailtean Co-cheangailte == |
== Bailtean Co-cheangailte == |
Mùthadh on 19:57, 18 dhen Ghearran 2016
Dùn Phrìs | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 07' 00″ Tuath 03° 60′ 03″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 31,600 (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Comhairle na Sgìre |
‘S e baile meadhanach agus faisg air Cille Chuithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Phrìs. Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Inbhir Anainn, ri taobh na h-aibhne Nid.[2] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 15km bho Ruadhail agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phrìs, ach tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.[4] A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.[5]
Freumhan an Ainm
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Dùn agus ainm na treubh Frisianach neo Preas ann an seann Chuimris neo Gàidhlig a th' ann an t-ainm.[6] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[7] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Druim neo Dronn a th'ann ainm an àite seo.[8]A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann.
Eachdraidh
Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taigh-sheinnse Hole in the Wa' ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail Raibeart Burns an seo ann an 1796. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne 21 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh'Alba gu ruige na Gàidhealtachd.[9] Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath latha. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1957, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[10]
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Falling Rain
- ↑ River Nith Fishings
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ The Brittonic Language in the Old North
- ↑ Dumfries Museum
- ↑ NRS
Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 977 762
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck