An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Santander"
Loidhne 22: | Loidhne 22: | ||
==Eachdraidh== |
==Eachdraidh== |
||
Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port, air an robh ''Portus Victoriae Iuliobrigensium''.<ref>[http://www.regiocantabrorum.es/publicaciones/portus_victoriae_iuliobrigensium Regio Cantabrorum]</ref> Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an [[1068]]. Ann an [[1158]] fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an [[1296]] agus [[1311]] Thàinig an rèile - agus [[turasachd]] - ann an [[1858]].<ref>[http://www.spanishrailway.com/capitulos_html/alarasantander.htm Alar Santander]</ref> Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata ''Cabo Machichaco'' ann an [[1893]]. Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a làimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] ann an [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1937]]. Chaidh 90,000 [[saighdear]] a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.<ref>[http://www.eldiariomontanes.es/pg060506/prensa/noticias/Sociedad/200605/06/DMO-TEL-160.html Diario Montañés]</ref> Chaidh [[Oilthigh Cantàbria]] a stèidheachadh an seo ann an [[ |
Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port, air an robh ''Portus Victoriae Iuliobrigensium''.<ref>[http://www.regiocantabrorum.es/publicaciones/portus_victoriae_iuliobrigensium Regio Cantabrorum]</ref> Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an [[1068]]. Ann an [[1158]] fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an [[1296]] agus [[1311]] Thàinig an rèile - agus [[turasachd]] - ann an [[1858]].<ref>[http://www.spanishrailway.com/capitulos_html/alarasantander.htm Alar Santander]</ref> Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata ''Cabo Machichaco'' ann an [[1893]]. Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a làimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] ann an [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1937]]. Chaidh 90,000 [[saighdear]] a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.<ref>[http://www.eldiariomontanes.es/pg060506/prensa/noticias/Sociedad/200605/06/DMO-TEL-160.html Diario Montañés]</ref> Chaidh [[Oilthigh Cantàbria]] a stèidheachadh an seo ann an [[1972]].<ref>[http://web.unican.es/ UNICAN]</ref> |
||
==Daoine Ainmeil== |
==Daoine Ainmeil== |
Mùthadh on 12:03, 29 dhen Dùbhlachd 2015
Santander
| |||||
Faidhle:Santander Cantabria.png | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Santander | ||||
Sgìre | Cantàbria | ||||
Co-chomharran | 43° 28′ 00″ Tuath 03° 48′ 00″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 34.76 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 177,123 (2014) | ||||
Dlùths | 5,095.6/km² | ||||
Àireamh fòn | 942 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile mòr agus port gu math cudromach ann an Cantàbria (An Spàinn) a th' ann an Santander (IPA: santanˈder). Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Shantander fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1248. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e am port, turasachd,na bataichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 177,123 duine a' fuireach ann. Chan eil eucoir na trioblaid mhòr an seo.[1]
Freumahn an Ainm
'S ann à sanct (naomh) agus Ander (Anndra) ann an seann Spàinntis a tha ainm a' bhaile. Bheireadh sin Cill Anndra neo Baile Anndra dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh.[2] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Portus Sanctorum Emeterii et Celedonii (Sancti Emetherii > Sancti Emderii > Sanct Endere > San Andero > Santendere > Santanderio > Santander).
Eachdraidh
Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port, air an robh Portus Victoriae Iuliobrigensium.[3] Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an 1068. Ann an 1158 fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an 1296 agus 1311 Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1858.[4] Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata Cabo Machichaco ann an 1893. Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a làimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1937. Chaidh 90,000 saighdear a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.[5] Chaidh Oilthigh Cantàbria a stèidheachadh an seo ann an 1972.[6]
Daoine Ainmeil
- Matilde Camus (1919 - 2012)[7]
Iomraidhean
- ↑ Diario Montañés
- ↑ Fernández González, Lorena (2002). Santander una ciudad Medieval. Estvdio. ISBN 9788495742056
- ↑ Regio Cantabrorum
- ↑ Alar Santander
- ↑ Diario Montañés
- ↑ UNICAN
- ↑ Matilde Camus