An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hiort"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b ceanglaichean a chàradh
No edit summary
Loidhne 16: Loidhne 16:
[[Faidhle:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|right|Stac Lì]]
[[Faidhle:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|right|Stac Lì]]


An-diugh, tha na trì buidhnean seo, [[Urras Nàiseanta na h-Alba]], [[Dualchas Nàdair na h-Alba]] agus [[Ministreachd an Dìon]], ag obair ann an co-bhanntachd gus program [[glèidhteachas|glèidhteachais]] agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid [[Làrach Dhualchas na Cruinne]] a chumail gu math agus a dhìon.
An-diugh, tha na trì buidhnean seo, [[Urras Nàiseanta na h-Alba]], [[Dualchas Nàdair na h-Alba]] agus [[Ministreachd an Dìon]], ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram [[glèidhteachas|glèidhteachais]] agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid [[Làrach Dhualchas na Cruinne]] a chumail gu math agus a dhìon.


Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.
Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.
Loidhne 23: Loidhne 23:


== Ionad fiosrachaidh ==
== Ionad fiosrachaidh ==
Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogal ann am Mangurstadh ann an [[Ùig (Leòdhas)|Ùig]] Leòdhais.<ref>[http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/31639273 BBC: Naidheachd: Planaichean ionad Hiort gam foillseachadh], 2015-02-26</ref>
Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an [[Ùig (Leòdhas)|Ùig]] Leòdhais.<ref>[http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/31639273 BBC: Naidheachd: Planaichean ionad Hiort gam foillseachadh], 2015-02-26</ref>


== Sgrìobhaidhean mu Hiort ==
== Sgrìobhaidhean mu Hiort ==

Mùthadh on 14:40, 20 dhen Dùbhlachd 2015

Location
Location
Hiort
Hiort
Bàgh a' Bhaile, Hiort

Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla ann an Innse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.

Dh'fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistreachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

Stac Lì

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministreachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.

Ionad fiosrachaidh

Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an Ùig Leòdhais.[1]

Sgrìobhaidhean mu Hiort

Sgrìobh Màrtainn MacGilleMhàrtainn mun chuairt a rinn e do Hiort ann an 1697 anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1698.

Iomraidhean

  1. BBC: Naidheachd: Planaichean ionad Hiort gam foillseachadh, 2015-02-26

Ceanglaichean a-mach