An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dail Beithich"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 18: Loidhne 18:


==Eachdraidh==
==Eachdraidh==
A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs [[An Cogadh Mòr|sa Chogadh Mòr]]<ref>[http://warmemscot.s4.bizhat.com/warmemscot-ftopic399.html Scottish War Memorials Project]</ref> agus seachd duine thar fhichead eile [[An Dàrna Cogadh|san Dàrna Cogadh]]. Bha [[Faisisteachas]]<ref>[http://radicalindydg.wordpress.com/2014/01/28/the-cradle-of-fascism-in-scotland/ Radical Independence]</ref> uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an [[1934]], far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1599]] mar ''Dalbatie''.<ref>[http://www.archive.org/stream/placenamesofscot00johnuoft/placenamesofscot00johnuoft_djvu.txt The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892]</ref> A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs [[An Cogadh Mòr|sa Chogadh Mòr]]<ref>[http://warmemscot.s4.bizhat.com/warmemscot-ftopic399.html Scottish War Memorials Project]</ref> agus seachd duine thar fhichead eile [[An Dàrna Cogadh|san Dàrna Cogadh]]. Bha [[Faisisteachas]]<ref>[http://radicalindydg.wordpress.com/2014/01/28/the-cradle-of-fascism-in-scotland/ Radical Independence]</ref> uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an [[1934]], far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

Mùthadh on 12:41, 11 dhen Lùnastal 2015

Dail Bheithe

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 55′ 55″ Tuath
3° 49′ 19.2″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 4,289 (2011)
Àireamh fòn 01556
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Dail Bheithe neo Dail Beithigh[1] (Beurla: Dalbeattie). Tha e suidhichte ann an gleann air bruach Urr Water mu 6 cilemeatair (4 mìltean) ear air Caisteal Dhùghlais agus mu 19 cilemeatair (12 mìltean) iar-dheas air Dùn Phrìs. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 55′ 55.2″ Tuath agus 3° 49′ 19.2″ Iar. Ann an 2011 bha 4,289 duine a' fuireach an seo. [2] Bha a' chiad tuineachadh an seo ann an 1658, ach chaidh am baile a thogail ann an 1781. Bha gnìomhachas clachan ghràineil gu math cudromach airson a' bhaile, anns na 1810an bha mòran daoine a dh'imrich gu Dail Bheithe airson obair fhaighinn anns na cuaraidhean. An diugh tha an cuid as motha de na daoine ag obair ann an Dùn Phrìs.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1599 mar Dalbatie.[3] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[4] agus seachd duine thar fhichead eile san Dàrna Cogadh. Bha Faisisteachas[5] uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an 1934, far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.

Iomraidhean

  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  4. Scottish War Memorials Project
  5. Radical Independence

Ceanglaichean a-mach