An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dùn Phris"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 29: Loidhne 29:


== Ceanglaichean a-mach ==
== Ceanglaichean a-mach ==
*[http://www.bbc.co.uk/weather/gd/2650798 An Aimsir ann an Dùn Phrìs]

* {{gbmapping|NX 977 762}}
* {{gbmapping|NX 977 762}}
{{Teamplaid:Bailtean ann an Siorrachd Dhùin Phrìs}}
{{Teamplaid:Bailtean ann an Siorrachd Dhùin Phrìs}}

Mùthadh on 21:12, 6 dhen Lùnastal 2015

Dùn Phrìs

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 07' 00″ Tuath
03° 60′ 03″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 31,600 (2001)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Comhairle na Sgìre

‘S e baile meadhanach agus faisg air Cille Chuithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Phrìs. Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Inbhir Anainn, ri taobh na h-aibhne Nid.[2] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 15km bho Ruadhail agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phrìs, ach tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.[4] A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.[5]

Eachdraidh

Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taighe-sheinne Hole in the Wa' ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail Raibeart Burns an seo ann an 1796. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne 21 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh' Alba gu ruige na Gàidhealtachd.[6] Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath latha.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. River Nith Fishings
  3. Distance from - to
  4. A' Chomhairle
  5. Scotland's Census Result OnLine
  6. Dumfries Museum

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 977 762