An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Iapanais"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Ghluais Glan-adair2015 duilleag Seapanais gu Iapanais slighe ath-stiùiridh: Iapanais air a sgaoileadh leis a' BhBC agus faclairean ùra, ga dèanamh nas bitheanta.
atharrachadh Seapan, an t-Sìn agus Seapanais, Seapanach gu an Iapan, Sìona, Iapanach etc.
Loidhne 44: Loidhne 44:
|-
|-
|}
|}
Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil '''Seapanais''', a tha a' fuireach san [[An t-Seapan|t-Seapan]] agus ann an coimhearsnachdan eilthirich [[Seapanach]] air feadh an t-saoghail. 'S e '''Nihongo''' ('''日本語''')a chanas ri Seapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh ''cànan Iapain''. 'S e ''Grian'' a' bhrìgh a th' air an [[kanji]] [[日]] agus an seo, ''Freumh'' air [[本]]. Tha am briathar Sìneach-Seapanach seo, 日本(''Nihon'' no ''Nippon''), a' toirt dealbh air an t-Seapan bho shealladh na Sìne, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an t-Seapan far a dh' èireas [[A' Ghrian|a' ghrian]] agus [[an t-Sìn]] far an tèid i foidhpe. Tha an abairt ''Tìr Èirigh na Grèine'' a' tighinn às an sin.
Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil '''Iapanais''', a tha a' fuireach san [[An t-Seapan|t-Seapan]] agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e '''Nihongo''' ('''日本語''')a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh ''cànan na h-Iapain''. 'S e ''Grian'' a' bhrìgh a th' air an [[kanji]] [[日]] agus an seo, ''Freumh'' air [[本]]. Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本(''Nihon'' no ''Nippon''), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh na Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas [[A' Ghrian|a' ghrian]] agus [[an t-Sìn]] far an tèid i foidhpe. Tha an abairt ''Tìr Èirigh na Grèine'' a' tighinn às an sin.


== Tùs agus Seòrsachadh ==
== Tùs agus Seòrsachadh ==

Mùthadh on 14:49, 1 dhen Iuchar 2015

Seapanais
Fuaimneachadh [ɲihoŋɡo]
Ga bruidhinn ann an
Luchd-labhairt iomlan 130 millean [2]
Reangach 9
Teaghlach-chànan Seapanach
Siostam-litreachaidh Lideirean agus Logagrafan Seapanach
Inbhe Oifigeil
Cànan oifigeil ann an An t-Seapan
Air a riaghladh le Gin (ach, tha Riaghaltas na Seapaine an sàs ann gu mòr)
Còdan Cànan
ISO 639-1 ja
ISO 639-2 jpn
SIL jpn

Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil Iapanais, a tha a' fuireach san t-Seapan agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e Nihongo (日本語)a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh cànan na h-Iapain. 'S e Grian a' bhrìgh a th' air an kanji agus an seo, Freumh air . Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本(Nihon no Nippon), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh na Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas a' ghrian agus an t-Sìn far an tèid i foidhpe. Tha an abairt Tìr Èirigh na Grèine a' tighinn às an sin.

Tùs agus Seòrsachadh

'S e cànan in-sònraichte (isolated language) a th' ann an Seapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, Coireanais (a thaobh morf-eòlas, co-chàradh gu h-àraid), ach nam biodh Ryūkyūanais (teanga Okinawa) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain. [3]

Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Seapanais a cheangladh ri Coireanais, Mongolais agus na cànanan Altaic eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an sòisealtasan coltach ri Seapan a thaobh cultar agus eigeòlas eadar ceann a Deas na Sìne agus An Himalaya. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na cànanan Draibhideach agus cànanan nan ioma-eileanach.(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e crìtheol a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin.

Buadhan

'S e cànan co-glaodhach (agglutinating language) a th' ann an Seapanais. 'S e sin gu bheil i a' leigeil rithe structar gràmadach le bhith a' ceangladh comharran (は、が、に/wa, ga, ni) ri stuic fhacail.[4]

Ged a tha riochdairean ann mar: 私 watashi (mi), あなた anata (thu), 彼 kare (e), 彼女 kanojo (i) is mar sin air adhart, chan eileas gan cleachdadh cho tric ann an còmhradh, seach ann an sgrìobhadh. Tha sin a' dèanamh gu bheil Seapanais caran neo-dhìreach mar chainnt; rud a tha a' freagairt an t-sluaigh Seapanach gu math, oir tha iadsan gam meas neo-dhìreach gu leòr nan dòighean.

Mar eisimpleir, chanar 私はスコットランド人です。watashi ha sukottorandojin desu. (Mise - Albannach - tha) (Tha mi nam Albannach), ach ann an còmhradh far a bheil e soilleir cò tha a' bruidhinn agus cò mu dheidhinn, dh' fhàgar watashi (còmhla ris a' chomharra はwa), a-mach agus theirear スコットランド人です。sukottorandojin desu; (Albannach-tha). Cha leigeas a leas an riochdair watashi (mi) a ràdh idir airson 's gun tuig daoine. Mar sin dheth, tha Seapanais gu math feumail airson bruidhinn air daoine, no air dìomhaireas nach eileas ag iarraidh fhoillseachadh. Fiù 's nan cluinneadh cuideigin an còmhradh, dh' fhaoidte nach ann a bhiodh fios aca cò no dè air a bhiodh an luchd-labhairt a-mach, air sgàth chion riochdairean. 'S e cnag na cùise a th' ann nach eil an t-subseig ga cleachdadh a h-uile uair ann an còmhradh.

Riochdan Modhail

'S iomadh chaochladh a tha air Seapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t- sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Seapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach.

Keigo

'S e Keigo (敬語)a chanas ri modhaileachd ann an Seapanais, agus thathas ga cleachdadh a-rèir inbhe a' chàirdeas a tha ann eadar daoine. Chan eil càirdeas co-ionnan sa chumantas ann an sòisealtas Seapanach. 'S tric a bhios suidheachadh nas àirde aig neach, agus gabhaidh sin a dhearbhadh a-rèir iomadach fhactair leithid dreuchd, aois, eòlas no fiù 's an suidheachadh anns a bheil neach aig an àm - mar eisimpleir, cuideigin ag iarraidh fàbhair air cuideigin eile. Thathas a' cleachdadh Keigo ann an gnothach sam bith far a bheil neach-obrach a' bruidhinn ri neach-ceannaich; m.e. ann an taigh-bìdh, no bùth sam bith eile. Faodaidh an neach-ceannaich cainnt dhìreach mhì-fhoirmeil a chleachdadh (gu ìre), ach chan fhaod an neach-obrach idir, mura h-e neach a tha tòrr nas aosta na an neach-ceannaich a th' ann.

Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh.

Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad mairu agus ukagau na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh. (Oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin. Dh' fhaodadh cainnt ùmhail seach cainnt urramach a chur orra.) Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad irassharu agus oideninaru na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e iku am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, yo no wa, air an cur ris a cheann. 'S e ikimasu no ikundesu a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "desu/masu" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail -desu no -masu.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Staitistig Riaghaltas na Seapaine [1]
  2. Cànanan an t-Saoghail [2]
  3. Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9
  4. Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: