An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 50: Loidhne 50:


4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.
4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.


Tha dà chòir ann:

1. Achd Sagsannach nan Sòrbach

2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg

A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.





Mùthadh on 11:43, 16 dhen Ògmhios 2015

Sòrbais (serbšćina)
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 20.000

Teaghlach-chànan

Indo-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 wen (teaghlach chànan)
hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Ìosal)
ISO 639-3 hsb (Sòrbais Uarach)
dsb (Sòrbais Iosal)
Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sòrbais ga bruidhinn

Is e cànan Indo-Eòrpach a tha ann an Sòrbais. Tha an cànan a’ buntainn do theaghlach nan cànanan Slàbhach. San eachdraidh bha ainmean eile air: Wendish neo Lusatian. 'S e "wen" an còd ISO 639-2 a tha air.

Tha Sòrbais ga bruidhinn air a' chrìoch eadar a' Phòlainn agus a' Ghearmailt agus ann am Brandenburg cuideachd.

An Cànan

Tha dà chànan ann: Sòrbais Uarach (hornjoserbsce, Beurla: Upper Sorbian) agus Sòrbais Ìosal (dolnoserbski, Beurla: Lower Sorbian). Tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn ann an Sagsainn le gu bhith 13,300 duine agus tha Sòrbais Ìosal ga bruidhinn ann am Brandenburg le gu bhith 6,670 duine. Canar Lusatia (Łužica ann an Sòrbais Uarach, Łužyca ann an Sòrbais Ìosal, neo Lausitz anns a' Ghearmailtis) ris an àite, far am bi an dà chànan a' bhruidhinn. Tha Sòrbais dlùth-chàirdeach don t-Seacais, don t-Slòbhacais agus don Phòlainnis ach anns na làithean an-diugh, tha buaidh làidir aig a' Ghearmailtis oirre cuideachd. Nochd Sòrbais mar chànan anns an litreachas airson a' chiad turas anns an siathamh linn.

Eachdraidh a' chànain

'S e sluagh slàbhach an Iar a th' ann na Sorbaich, sluagh gun dùthaich neo stàit aige fhèin. Anns an siathamh linn, thàinig na sinnsearan de na Sòrbaich dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear an dà abhainn Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean, air am fein-aithne a ghlèideadh. Thàinig tuathanaich eile bho fhead na dùthacha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, Tùiringaich agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr gach riaghaltas ri bacadh a chur air Sòrbais. Anns an treas linn deug, bha Sòrbais toirmisgte anns na bailtean mòra agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis aig na daoine nan robh iad ag iarradh obair. Bhon seachdamh linn deug a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh Sòrbais coltach ri mion-chànanan eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh Ìmpireachd na Gearmailt a dhìon. Co-dhiù, dh'fhàs aireamh de na Sòrbaich agus bha a bharrachd ach dà cheud mìle duine a' bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthareil. Air sgàth 's gun robh Sòrbais aig a' mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionnadh gluasad cànain ri fhaicinn anns an naoidheamh linn deug agus bha na daoine moiteil às an canan. Ach aig an aon àm, chaidh còirichean an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' Phruis. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha Sòrbais gu tur toirmisgte agus chaidh Sòrbaich a b' àirde inbhe a phrìosanachadh. Às dèidh an darna cògaidh bha Lusatia na phàirt den raon Sovietach agus bhon àm sin, fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinntean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson Sòrbais a dhìon.

Inbhe a' chànain

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain. [1].

Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri cùmhnant frèama airson dìon nam mion-shluagh is mion-chanan nàiseanta: A rèir seo

1. Na Sorbaich a' buntainn don t-sluagh Ghearmailteach

2. Tha na Sorbaich a' fuireach gu tradaiseanta anns a' Ghearmailt

3. Tha iad a' fuireach an seo anns an àite-tuineachaidh seasmhach aca

4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.


Tha dà chòir ann:

1. Achd Sagsannach nan Sòrbach

2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg

A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.


'S e teis-meadhan beatha cultarach Sòrbais Uarach a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. An seo tha Ionad na Sòrbais (Sorbisches Institut - Serbski institut) suidhichte, a tha a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, chultar agus chànan Sòrbais.

Tha Cottbus (Chóśebuz) na teas-mheadhan den chànain Sòrbais Ìosal.

Tha Sòrbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid ainmean anns a' Ghearmailt an Ear a' tighinn à Sorbais, m.e.:

Eisimpleir

Seo eisimpleir le Sòrbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sòrbais Uarach is Sòrbais Ìosal:

Gàidhlig Sòrbais Uarach Sòrbais Ìosal
Halò! Witaj! Witaj!
Madainn mhath! Dobre ranje! Dobre zajtšo!
Latha math! Dobry dźeń! Dobry źeń!
Feasgar math! Dobry wječor! Dobry wjacor!
Oidhche math! Dobru nóc! Dobru noc!
Tha mi à ... Ja sym z ... Ja som z ...
Ciamar a tha sibh? Kak so wam wjedźe/dźe? Kak se wam źo?
Ciamar a tha thu? Kak so ći dźe? Kak se śi źo?
Tha gu math, tapadh leibh/leat. Dźakuju so, wjedźe/dźe so mi derje. Źěkuju se, źo se mě.
Tha i brèagha an-diugh, nach eil? Rjane wjedro dźensa, něwěrno? Rědne wjedro źinsa, nic ga?
mas e do thoil/ur toil e prošu pšosym
tapadh leat/leibh dźakuju so źěkuju se
A bheil sibh a’ bruidhinn Sorbais? Rěčiće serbsce? Powědaśo serbski?
Càite am b’ urrainn dhomh… a cheannachd? Hdźe móžu ... kupić? Źo mogu ... kupiś?
Cia mheud a tha ...a’ cosg? Kelko płaći ...? Wjele płaśi ...?
Càite am b’ urrainn dhomh cupa cofaidh òl? Hdźe móžu šalku kofeja pić? Źo mogu tasku kafeja piś?
Slàinte! K strowosći! Na Wašo strowje!
Slàn leat! Božemje! Na zasejwiźenje!
Tìoraidh! Měj so rjenje! Měj se derje!

Dealbhan

Iomradh

  1. European Charter for Regional or Minority Languages

Ceanglaichean a-mach