An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bogotá"

O Uicipeid
Content deleted Content added
cat repair / corr
b →‎Iomraidhean: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|de}} using AWB (10903)
Loidhne 110: Loidhne 110:
[[Roinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]

{{Link GA|de}}

Mùthadh on 15:17, 24 dhen Ghiblean 2015

Bogotá
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Àirde 2600m
Co-chomharran 4 °35' 56" Tuath
74° 04' 51" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,587 km²
Àireamh-shluaigh 6,840,116 (2005)
Dlùths 4,310.09/km²
Duilleag oifigeil Bogota Official Site

Tha Bogotá na phrìomh-baile Choloimbia.[1] A bharrachd air sin, 's prìomh-bhaile na roinne Cundinamarca agus an Distrito Capital. 'S e Santa Fe de Bogotá an t-ainm oifigeil a th' air anns an Spàinntis. Bha àireamh-sluaigh dhe 6,840,116 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh.[2] 'S e Bogotá am baile as motha na dùthcha[3] an còigeamh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[4] agus an 23mh baile as motha na cruinne.[5] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1538.

Freumhan an Ainm

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Guadalajara de Buga, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Santa bhon fhacal Laideann Sanctus[6] (Coisrisgte) agus Fe (Creideas) bhon fhacal Laideann Fides.[7] Thathar ag ràdh gur ann às an ainm Bacatá a th'ann an eileamaid Bogotá, a tha a' ciallachadh dùin, leis gur e prìomh-bhaile nan Zipa a bh'ann.[8] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Wak'ata an seann ainm a bh'air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh àite coisrigte.[9]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 6,840,116 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 15,606 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[10] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bogotá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

Daoine Ainmeil

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Mongabay
  5. Bailtean as motha na cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500] 30mh dhen Ògmhios 2013.
  6. Real Academia de la Lengua
  7. Real Academia de la Lengua
  8. Bogotá Mía
  9. Organización de Estados Iberamericanos
  10. Cololmbia Virtual
  11. Country Studies: Colombia
  12. SisterCities
  13. SisterCities
  14. Comhairle Mhadrid


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: