An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lachlann MacGuaire"

O Uicipeid
Content deleted Content added
minimal renamings
b default sort, roinn-seòrsa
Loidhne 29: Loidhne 29:
<references/>
<references/>


{{DEFAULTSORT:MacGuaire, Lachlann}}
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Albannaich]]
[[Roinn-seòrsa:Astràilia]]
[[Roinn-seòrsa:Astràilia]]

Mùthadh on 09:25, 14 dhen t-Samhain 2014

Teamplaid:Neach-poileataigs

'S e oifigear airm agus rianaire tìr-imrich Breatannach a bha ann an Lachlann MacGuaire (Lachlan Macquarie, 31 am Faoilleach 17621 an t-Iuchar 1824). Bha e na Riaghaladair air New South Wales 1809 - 1821, agus bha e cudromach airson Astràilia atharrachadh bho thìr-imrich peanasach ann an dùthaich shaor.

Rugadh e ann an Ulbha ri taobh Muile agus chaidh fhoglam ann an Dùn Èideann. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh ann an Ameireaga-a-Tuath, na h-Innseachan agus an Èipheit, dh'fhàs e Riaghaladair air New South Wales, agus ann an 1813 chaidh a dhèanamh màidsear-seanailear.

Nuair a bha e na riaghladair, bha e a' togail gearastan mar bu chòir an àite bothain airson nan ciomaich, rathaidhean, cidheachan, ospadalan agus togalaichean eile. Bha e a' brosnachadh leasachadh àiteachas tuathanachais cuideachd. 'S dòcha nas cudromaiche, ge-tà, bha e a' leigeil leis na ciomaich na bha as dèidh nam breithean aca oifisean poblach fhaighinn, agus bha e a' dèilig riutha mar daoine co-ionnan.

Bha Lachlann MacGuaire fìor chudromach don leasachadh na dùthcha, agus thathar a' canar ris "Athair Astràilia"[1]. Chaochail e ann an Lunnainn agus bha e air a thiodhlacadh ann am Muile. Tha Urras Nàiseanta Astràilia a' gleidheadh an uaigh aige.

Iomraidhean

  1. Tom Steel, Scotland's Story, HarperCollins, 1994