An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ramón González Valencia"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
minimal renamings
Loidhne 7: Loidhne 7:


<p style="margin: 1em 0;">
<p style="margin: 1em 0;">
[[File:Ramon G. Valencia.jpg|150px]]
[[Faidhle:Ramon G. Valencia.jpg|150px]]
</p>
</p>


Loidhne 13: Loidhne 13:
<tr>
<tr>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Ainm na Dùthcha</th>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Ainm na Dùthcha</th>
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">[[file:Flag of Colombia.svg|22px]] [[Coloimbia]]
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">[[Faidhle:Flag of Colombia.svg|22px]] [[Coloimbia]]
</tr>
</tr>
<tr>
<tr>
Loidhne 99: Loidhne 99:
{{commonscat}}
{{commonscat}}


[[Category:Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Coloimbia]]
[[Category:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Category:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Category:Poileataigs]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]

Mùthadh on 18:17, 11 dhen Dàmhair 2014

Ramón González Valencia

Ainm na Dùthcha Coloimbia
Teirm 3mh an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910
Ro-Theachdaire Jorge Holguín
Neach-Ionlaid Carlos E. Restrepo Restrepo
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 24mh an Cèitean 1851
Àite Bhreithe Chitagá (Norte de Santander)
Ceann-Là a Bhàis 3mh an Dàmhair 1928
Àite a Bhàis Pamplona (Norte de Santander)
Bean/Fear-Chèile María Antonia Ferrero
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear, stàitire, fear-lagha

B' e Ramón González Valencia (Chitagá, Norte de Santander, 24mh an Cèitean 1851 - Pamplona, Norte de Santander, 3 an Damhair 1928) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na Ceann-suidhe na dùthcha bho 3 an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910. Chaidh e a dh’ainmeachadh ceann-suidhe leis a’ Mhòr-dhail an àite Rafael Reyes, is e na leas ceann-suidhe fodha eadar 1904 agus 1909.[2][3]

Beatha armachd

‘S e saighdear gu math ainmeil a bh’ann González is thug e pàirt ann an iomadh chogadh cudromach air feadh na dùthcha, chan eil a’ dèanamh rian-iomairtean a-mhàin, ach bha e an sàs anns na sabaidean cuideachd, agus fhuair e cliù anns na cogaidhean sìobhalta dhe 1876 agus 1895, a bharrachd air Cogadh na Mìle Làithean.

Ceannas Coloimbia

‘S e co-chruinneachadh a ghairm tro Lagh àireamh 3 dhe 1910 airson ath leasachaidhean a sgrùdadh is a ghabhail ris taobh a’ Bun-Reachd dhe 1886 an rud na bu chudromaiche a rinn e fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais. Chruthaich an t-Ath Leasachadh poileataigeach sin ùine mhòr shìtheil airson na dùthcha, is le sin chaidh pròiseas dhe ùrachadh eaconamach a chur air dòigh.

Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886

‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh an Cèitean dhe 1910 airson a’ Bun-Reachd dhe1886 a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, Carlos E. Restrepo Restrepo, Pedro Nel Ospina Vásquez, Enrique Olaya Herrera, Rafael Uribe, nam measg.

Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:

  • Cur às do bhinn bàis.
  • Casg air airgead ùr ann an cruth pàipear a dhèanamh.
  • Cruinneachadh bliadhnail a’ Mhòr-dhail.
  • Taghadh bliadhnail na luchd-ainmichte leis a’ Mhòr-dhail
  • Taghadh poblach ceann-suidhe na poblachd airson teirm dhe ceithir bliadhna.
  • Cha b’ urrainn dhan cheann-suidhe dà theirm fhaighinn ri chèile.
  • Casg air a’ cheann-suidhe, neo duine sam bith san àite aige, an dùthaich fhàgail fhad’ s a bhios e na dreuchd gu ruige bliadhna an a dhèidh, gun chead an t-Seanaidh.
  • Atharrachadh a’ chinn-suidhe gach ceithir bliadhna.
  • Soilleireachadh dleastanasan a’ chinn-suidhe nuair a bhios cogadh thall thairis neo ùpraid anns an dùthaich ann.
  • Ath stèidheachadh na Co-chruinneachaidhean Roinneil
  • Stèidheachadh na roinnean Atlántico agus Norte de Santander

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Liosta cinn-suidhe na dùthcha


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: