An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
litreachadh
Loidhne 11: Loidhne 11:
}}
}}


Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ‘sa bhliadhna [[1919]], an tritheamh leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd a measg bàird [[Clann Dhòmhnaill|Chlann Dhòmhnaill]], na MicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach]]. Air taobh a mhàthair bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncle agus b’e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncle, Niall, fhuair è eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh sònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris na 17mh agus 18mh linntean.
Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ‘sa bhliadhna [[1919]], an treas leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’ e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd am measg bàird [[Clann Dhòmhnaill|Chlann Dhòmhnaill]], na MicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]]. Air taobh a mhàthar bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncail agus b’ e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncail, Niall, fhuair e eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh shònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris an 17mh agus 18mh linn.


Aig aois 18 ghabh àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dàrna Cogadh|Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala è an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dhà fhèin cho borb ‘sa bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] de’n t-arm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt oir. Cha robh fhaca ach gunnaichean làimh agus iad a sabaid an aghaidh tancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chuir sìos gus nach biodh an coir bàs ann.
Aig aois 18 ghabh e àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dàrna Cogadh|Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala e an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dha fhèin cho borb ‘s a bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] den arm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt orra. Cha robh aca ach gunnaichean làimh agus iad a' sabaid an aghaidh thancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chur sìos gus nach biodh an còrrr bàis ann.


Anns an leabhar aige, [[Fo Sgàil a’ Swastika]], thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dha na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘s a chompanach fo smachd na [[Gearmailteach|Gearmailtich]] agus iad beò ann an campaichean mar prìosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg a measg na prìosanaich cuideachd agus thuirt è mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”
Anns an leabhar aige, [[Fo Sgàil a’ Swastika]], thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dhe na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘s a chompanach fo smachd nan [[Gearmailteach]] agus iad beò ann an campaichean mar phrìosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg am measg nam prìosanach cuideachd agus thuirt e mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”


Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha è dhan bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na [[Gaidheil]] agus na [[Gearmailteach|Gearmailtich]], ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-sàtan, na bheachdsa.
Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha e dhen bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na [[Gàidheal|Gàidheil]] agus na [[Gearmailteach|Gearmailtich]], ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-sàtain, na bheachd-sa.


Bha a chreideamh [[Caitligeach]] a riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagha gus cead a thoirt seachad [[casg-leatrom]] fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a bruidhinn a mach airson coiridhean na màthair cha robh guth ann airson an leanabh nach d’ rugadh fhathast. Mar bàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ''‘An Guth à Broinn na Màthair’''.
Bha a chreideamh [[Caitligeach]] a-riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagh gus cead a thoirt seachad [[casg-leatrom]] fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a' bruidhinn a-mach airson còirichean na màthar cha robh guth ann airson an leanaibh nach d’ rugadh fhathast. Mar bhàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ''‘An Guth à Broinn na Màthair’''.


Annsa na forties aige bha buaidh nas motha fhathast aig creideamh air a bheatha agus e a gabhail iongnadh air na draghan a bha mu’n cuairt anns an t-saoghal air fad. Mun àm a bha e leth-cheud bha è smuaintinn air gluasaid tìm agus a bruadar mu’n saoghal ri teachd. Gu tric bhiodh rannan bho’n bàrdachd aige air an cleachdadh le fear a seasamh ‘sa chùbaid ann an eaglais agus bha buaidh mòr aig a Chrìosdaidheachd air tòir dha obair. A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha air Uist a Deas. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithris tradaiseanta nan Gaidheal agus choisinn è cliù mar aon de na prìomh [[bàrd|bàird]] [[Gàidhlig]] a bh’ againn a riamh.
Annsa na forties aige bha buaidh nas motha fhathast aig creideamh air a bheatha agus e a' gabhail iongnadh air na draghan a bha mun cuairt anns an t-saoghal air fad. Mun àm a bha e leth-cheud bha e a' smuaintinn air gluasaid tìm agus a' bruadar mun t-saoghal ri teachd. Gu tric bhiodh rannan bhon bàrdachd aige air an cleachdadh le fear a' seasamh ‘sa chùbaid ann an eaglais agus bha buaidh mhòr aig a' Chrìosdaidheachd air tòrr dha obair. A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha ann an [[Uibhist a Deas]]. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithris tradaiseanta nan Gàidheal agus choisinn e cliù mar aon de na prìomh [[bàrd|bàird]] [[Gàidhlig]] a bh’ againn a-riamh.


Bha Dòmhnall Iain mothachail gun robh cho briathrach ‘sa bha am bàrdachd aige ga fhàgail doirbh a thuigse, aig amannan, do’n t-sluagh mhòr. Agus tha e coltach gun rinn e oidhirp stoidhle nas simplidh agus tradaiseanta a chleachdadh nuair a bha e a sgrìobhadh na laoidhean aige agus ‘s iad na pìosan leis is ainmeil, aithnichte ‘san latha an diugh.
Bha Dòmhnall Iain mothachail gun robh cho briathrach ‘s a bha am bàrdachd aige ga fhàgail doirbh a thuigsinn, aig amannan, do’n t-sluagh mhòr. Agus tha e coltach gun do rinn e oidhirp stoidhle nas simplidh agus tradaiseanta a chleachdadh nuair a bha e a' sgrìobhadh nan laoidhean aige agus ‘s iad na pìosan as ainmeil, aithnichte ‘san latha an diugh.





Mùthadh on 21:04, 7 dhen Dàmhair 2014

Teamplaid:Sgrìobhadair

Rugadh Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ann am Peighinn nan Aoireann ‘sa bhliadhna 1919, an treas leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’ e seanchaidh ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd am measg bàird Chlann Dhòmhnaill, na MicRuairidh, air an Eilean Sgitheanach. Air taobh a mhàthar bha Dòmhnall Ruadh Phàislig aige mar uncail agus b’ e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncail, Niall, fhuair e eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh shònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris an 17mh agus 18mh linn.

Aig aois 18 ghabh e àite anns a’ Mhailisidh. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an Dara Cogadh Mòr. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala e an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dha fhèin cho borb ‘s a bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios 1940, agus iad faisg gu leòr air na tràighean an Dunkirk a mhuir amharc, chaidh an Dibhisean Gàidhealach den arm fhàgail ‘san Fhraing, agus na naoi Airmean aig Rommel mun cuairt orra. Cha robh aca ach gunnaichean làimh agus iad a' sabaid an aghaidh thancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chur sìos gus nach biodh an còrrr bàis ann.

Anns an leabhar aige, Fo Sgàil a’ Swastika, thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dhe na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘s a chompanach fo smachd nan Gearmailteach agus iad beò ann an campaichean mar phrìosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg am measg nam prìosanach cuideachd agus thuirt e mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”

Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha e dhen bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na Gàidheil agus na Gearmailtich, ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-sàtain, na bheachd-sa.

Bha a chreideamh Caitligeach a-riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagh gus cead a thoirt seachad casg-leatrom fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a' bruidhinn a-mach airson còirichean na màthar cha robh guth ann airson an leanaibh nach d’ rugadh fhathast. Mar bhàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ‘An Guth à Broinn na Màthair’.

Annsa na forties aige bha buaidh nas motha fhathast aig creideamh air a bheatha agus e a' gabhail iongnadh air na draghan a bha mun cuairt anns an t-saoghal air fad. Mun àm a bha e leth-cheud bha e a' smuaintinn air gluasaid tìm agus a' bruadar mun t-saoghal ri teachd. Gu tric bhiodh rannan bhon bàrdachd aige air an cleachdadh le fear a' seasamh ‘sa chùbaid ann an eaglais agus bha buaidh mhòr aig a' Chrìosdaidheachd air tòrr dha obair. A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha ann an Uibhist a Deas. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithris tradaiseanta nan Gàidheal agus choisinn e cliù mar aon de na prìomh bàird Gàidhlig a bh’ againn a-riamh.

Bha Dòmhnall Iain mothachail gun robh cho briathrach ‘s a bha am bàrdachd aige ga fhàgail doirbh a thuigsinn, aig amannan, do’n t-sluagh mhòr. Agus tha e coltach gun do rinn e oidhirp stoidhle nas simplidh agus tradaiseanta a chleachdadh nuair a bha e a' sgrìobhadh nan laoidhean aige agus ‘s iad na pìosan as ainmeil, aithnichte ‘san latha an diugh.