An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hiort"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Bot: Migrating 1 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q166479 (translate me)
b Robot: de:St. Kilda (Schottland) is a good article; cosmetic changes
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[File:St Kilda Village Bay.jpg|thumb|Bàgh a’ Bhaile, Hiort]]
[[Faidhle:St Kilda Village Bay.jpg|thumb|Bàgh a’ Bhaile, Hiort]]
[[File:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|Stac Lee]]
[[Faidhle:St Kilda Stac Lee.jpg|thumb|Stac Lee]]
[[File:kilda2876.png|thumb|Clàr]]
[[Faidhle:kilda2876.png|thumb|Clàr]]


Tha na h-eileanan ris an canar '''Hiort''', a’ chuid as iomallaiche a dh'[[Alba]], 41 [[mìle]] (68 [[cilemeatair]]) an iar air [[Beinn a’ Bhaoghla]] ann an [[Ìnnse Gall]] na h-[[Alba]]. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na [[Roinn Eòrpa]] airson [[eòin-mhara]]. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an [[1930]], thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.
Tha na h-eileanan ris an canar '''Hiort''', a’ chuid as iomallaiche a dh'[[Alba]], 41 [[mìle]] (68 [[cilemeatair]]) an iar air [[Beinn a’ Bhaoghla]] ann an [[Ìnnse Gall]] na h-[[Alba]]. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na [[Roinn Eòrpa]] airson [[eòin-mhara]]. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an [[1930]], thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.
Loidhne 17: Loidhne 17:
* [http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/grd/eachdraidh/sgeulachdan/hiort.htm Eachdraidh Hiort] bho GRD Stòr-dàta
* [http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/grd/eachdraidh/sgeulachdan/hiort.htm Eachdraidh Hiort] bho GRD Stòr-dàta


[[Category:Eileanan na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Eileanan na h-Alba]]


{{Link FA|en}}
{{Link FA|en}}
{{Link FA|he}}
{{Link FA|he}}
{{Link GA|de}}

Mùthadh on 20:39, 29 dhen Fhaoilleach 2014

Bàgh a’ Bhaile, Hiort
Stac Lee
Clàr

Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn a’ Bhaoghla ann an Ìnnse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.

Dh’fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistrealachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus program glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.

Ceangalan a-muigh

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link GA