An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jan Palach"
Filmaichean |
No edit summary |
||
Loidhne 29: | Loidhne 29: | ||
== Iomraidhean == |
== Iomraidhean == |
||
<references/> |
|||
[[Roinn-seòrsa: Daoine]] |
[[Roinn-seòrsa: Daoine]] |
||
[[Roinn-seòrsa:An t-Seic]] |
[[Roinn-seòrsa:An t-Seic]] |
Mùthadh on 12:39, 27 dhen Dùbhlachd 2013
'S e oileanach aig Oilthigh Theàrlaich (Charles University), Pràg, a bh' ann an Jan Palach (11 an Lùnastal 1948 - 19 am Faoilleach 1969). Dh'ìobair e esan fhèin mar fhianais an aghaidh ionnsaigh Shovietach a ghabh àite anns an Lùnastal 1968.
An Ionnsaigh Shovietach
Ann an 1968, bhris an t-armailt Sovietach a-steach air an t-Seic-Slòbhac, oir cha robh na h-ath-leasachaidhean a rinn an riaghaltas anns an Seic-Slòbhac a' còrdadh ris an riaghaltas Sovietach, bha an riaghaltas Sovietach ag iarraidh a' cumail a bhuaidh air an t-Seic-Slòbhac.
Jan Palach is Saoghal na Gàidhlig
Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn Gàidhlig mu dhèidhinn Jan Palach:
"...nach b’ ann le teine-aighir mar chunnacas ann am Pràg, ’s nach b’ e an curaidh oileanaich a rachadh suas ’na smàl..."[1]
Jan Palach anns a' chultar
Ann an 2013, rinn HBO sreath filmaichean mu dhèidhinn na tachartasan a lean às dèidh bàis Phalach: Hořící keř (The Burning Bush). Bha Agnieszka Holland, stiùiriche nam film Pòlainneach ainmeil, na stiùiriche.
Daoine eile a dh'ìobair iad fhèin mar fianais phoileataigeach
- an t-Seic-Slòbhac: Jan Zajíc, Evžen Plocek, Josef Hlavatý
- A' Phòlainn: Ryszard Siwiec
- An Ucràin: Vasyľ Makuch
Ceanglaichean a-mach
- Làrach-lìn mu dhèidhinn Jan Palach (Seicis, Beurla, Fraingis, Pòlainnis, Gearmailtis)
- The Burning Bushair làrach-lìn HBO (Beurla)
- "Palach", dàn le Somhairle MacGill-Eain