An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Salvador Puig i Antich"
b Bot: Migrating 16 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q439168 (translate me) |
b WPCleaner v1.30 - Article with false <nowiki><br/></nowiki> (Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia) |
||
Loidhne 3: | Loidhne 3: | ||
<div style="border: 1px solid #ccd2d9; background: #f0f6fa; text-align: left; padding: 0.5em 1em; text-align: center;"><!-- start of slate grey box --> |
<div style="border: 1px solid #ccd2d9; background: #f0f6fa; text-align: left; padding: 0.5em 1em; text-align: center;"><!-- start of slate grey box --> |
||
<h1 style="font: inherit; font-size: 100%; font-weight: bold; text-align: center; border: none; margin: 0; padding: 0; color: #6a6c76;">Salvador Puig i Antich< |
<h1 style="font: inherit; font-size: 100%; font-weight: bold; text-align: center; border: none; margin: 0; padding: 0; color: #6a6c76;">Salvador Puig i Antich<br> |
||
</h1> |
</h1> |
||
Mùthadh on 17:05, 1 dhen Dùbhlachd 2013
Salvador Puig i Antich
Dùthaich | Catalòinia |
---|---|
Ceann-Là Bhreithe | 30 an Cèitean 1948 |
Àite Bhreithe | Barcelona, Catalòinia |
Ceann-Là Bhàis | 2 am Màrt 1974 |
Àite Bhàis | Barcelona, Catalòinia |
Bràmairean | Montse Plaza Margalida Bover i Vadell |
Beachd-smuainealas | Ain-Riaghailteachd |
Dreuchdan | fear-iomairt |
B’e Salvador Puig i Antich (IPA: səɫβəˈðo ˈpudʒ i: ənˈtik, Barcelona, 30 an Cèitean 1948 – Ibidem 2 am Màrt 1974) Anarcach à Catalòinia a chuireadh gu bàs ri linn deachdaireachd Fhranco anns An Spàinn.[1]
Teaghlach
‘S e an treas mac dhe sianar a bh’ann Salvador Puig i Antich. Bhuinneadh e do theaghlach meadhanach-luchd obrach. Bha athair, Joaquim Puig, air a bhith na bhall Acció Catalana (Gàidhlig: Iomairt Chatalanach) ri linn Dàrna Poblachd na Spàinne (1931 – 1939). B’fheudar dhàsan a theiche chun na Frainge is e na fhògarrach ann an campa ann an Argelès an dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne (1936 – 1939).[2] Fhuair esan binn bàis nuair a thill e gus An Spàinn, ach shàbhaladh a bheatha mus do chuireadh gu bàs e.[3]
Beatha
Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil chaitligeach Salle Bonanova,[4] air adhbharan a chuid dhroch ghiulain. Stèidhich an ceithrear am buidheann Movimiento Íbero de Liberación (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am Paris sa Chèitean 1968.[5] A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na aonaidhean-ciùird taobh Comisiones Obreras cuideachd.[6] Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an Eaconomachd agus Poileataigs san oilthigh.[7] Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhaladh iad gu tric chun na Frainge.
Bàs
Chuireadh e an greim leis a’Phoileas Spèisealta ann am Barcelona air an 25mh latha dhen Shultain 1973. Gu dòrainneach, chaochail poileasaman air an robh Francisco Anguas Barragán ann an sabaid doirbh le gunnaichean ann an doras flat san sràid Carrer de Girona.[8] Chaidh Puig Antich leòinte cuideachd. Fhuair e binn bàis bho Chùirte an Airm airson murt Bharragán. Dhùilt a’ Chùirte fianais a chluinntinn a chuideachadh Puig Antich.[9] A dh’aindeoin iomairt mhòr eadar-nàiseanta gus a bheatha a shàbhaladh, chaidh e chur gu bàs aig 9:30m air an dàrna latha dhen Mhàrt 1974.[10] Bha e dìreach 25 bliadhna a dh’aois. Bha Riaghaltas na Dùthcha airson dìoghaltas fhaighinn air sgàth s’ gun do mharbh ETA ceannard Spàinnteach air an robh Carrero Blanco. Chaidh Puig Antich a thiodhlachadh ann an Cementerio de Barcelona.[11]
Meadhanan
Fiolmaichean
Ceòl
- I si canto triste (Lluís Llach i Grande, 1974).
- A Margalida (Joan Isaac, 1976)
- El año que mataron a Salvador (Loquillo, 2005)