An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rampjaar"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Created page with "thumb|right|300px ..."
 
No edit summary
Loidhne 9: Loidhne 9:
B’ e Johan de Witt an tàinistear airson na stàite na bu chudromaiche, intinniche aig an àm. Sa bhliadhna sin. Bhuinneadh e do sean [[Teaghlach|theaghlach]] phoblachdach agus bha esan an aghaidh righrean fhaighinn air ais san dùthaich. Còmhla ri a bhràthair Cornelis, cha do chaill e dìreach a dreuchd ach a bheatha fhèin cuideachd, nuair a mharbh gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangich iad ann an [[Den Haag]].<ref>Guido de Bruin, Den Haag: Gevangenpoort: de Haagse broedermoord, 20 augustus 1672 in Maarten Prak (red.), 'Nederland in de zeventiende en achttiende eeuw (Amsterdam 2006)</ref>
B’ e Johan de Witt an tàinistear airson na stàite na bu chudromaiche, intinniche aig an àm. Sa bhliadhna sin. Bhuinneadh e do sean [[Teaghlach|theaghlach]] phoblachdach agus bha esan an aghaidh righrean fhaighinn air ais san dùthaich. Còmhla ri a bhràthair Cornelis, cha do chaill e dìreach a dreuchd ach a bheatha fhèin cuideachd, nuair a mharbh gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangich iad ann an [[Den Haag]].<ref>Guido de Bruin, Den Haag: Gevangenpoort: de Haagse broedermoord, 20 augustus 1672 in Maarten Prak (red.), 'Nederland in de zeventiende en achttiende eeuw (Amsterdam 2006)</ref>


A-rèir Margareth Turnor,<ref>Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 13.</ref> mhair Bliadhna na Dosgainne 17 mìosan. Dhùineadh [[Banca|bancaichean]], sgoiltean, [[Bùth|bùthan]], taighean-cùirtean agus taighean-cluiche. Bhris [[Peantair|peantairean]] agus luchd-malairt ealaine air sàilleabh staing doirbh an [[eaconomaidh]]. Tha seanfhacal na dùthcha ag innis dhuinn gu robh an nàisean redeloos (neo-reusantach), an dùthaich reddeloos (neo- tèarainte) agus an riaghaltas radeloos (neo-dhòchasach).
A-rèir Margareth Turnor,<ref>Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 13.</ref> mhair Bliadhna na Dosgainne 17 mìosan. Dhùineadh [[Banca|bancaichean]], sgoiltean, [[Bùth|bùthan]], taighean-cùirtean agus taighean-cluiche. Bhris [[Peantair|peantairean]] agus luchd-malairt ealaine air sàilleabh staing doirbh an [[eaconomaidh]]. Tha seanfhacal na dùthcha ag innis dhuinn gu robh an nàisean redeloos (neo-reusantach), an dùthaich reddeloos (neo- tèarainte) agus an riaghaltas radeloos (neo-dhòchasach).<ref>[http://www.geschiedenis24.nl/nieuws/2009/april/Radeloos-reddeloos-en-redeloos.html Geschiedenis 24]</ref>


==Iomraidhean==
==Iomraidhean==

Mùthadh on 20:17, 17 dhen Ògmhios 2013

‘S e Rampjaar (Gàidhlig: bliadhna na Dosgainne) am far-ainm a tha air 1672 ann an eachdraidh nan Tìrean Ìsle. Thoisich Cogadh na h-Òlaind[1] sa bhliadhna siud nuair a thug Sasainn, An Fhraing agus easbaigeachdan Münster agus Köln, le Bernard von Galen[2] agus Maximilian Heinrich von Bayern os an cionn, ionnsaigh air Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte.

Chan fhaodadh do Arm na Frainge an slighe na bu ghiorra tro na Tìrean Ìsle Spàinnteach a ghabhail o chionn’s gun robh an Righ Leopold I, Àrd-phrionnsa na h- Ostair, airson cogaidhean a sheachnadh gu tùr. Le sin rinn na h-easbaigeachadan càidreachas leis na Frangaich air sàilleabh adhbharan logastach.[3] Chaidh na feachdan ionnsaigheach thar na h-Aibhne Rhein air 12 an t-Iuchar 1672 aig Lobith[4] agus thug iad buaidh air Arm lag fann na Poblachd. An ceann greis bha tòrr fhearann san sgìre Twente agus an sgìreachd Zutphen nan làmhan.

Air sgàth an trioblaid sin, bhuail giorag air feadh sgìrean na dùthcha nach robh fo bhuaidh nan còigreach. B’fheudar do mhòran dhaoine chudromach a bha airson pàrtaidh na poblachd an cuid bheachdan atharrachadh air sàilleabh cumhachd nan Orangach. Le sin ‘s e deireadh a’ Chiad Linn gun Stiùbhart (Duitsis: Eerste Stadhouderloze Tijdperk) a bh’anns a’ bhliadhna sin. Tha sin a' caillachadh gu robh an stàit gu math lag oir cha robh trì roinean, aig a' char na bu lugha, air stiùbhart a thaghadh gus a' Phoblachd a stiùireadh fad bliadhnachan.

B’ e Johan de Witt an tàinistear airson na stàite na bu chudromaiche, intinniche aig an àm. Sa bhliadhna sin. Bhuinneadh e do sean theaghlach phoblachdach agus bha esan an aghaidh righrean fhaighinn air ais san dùthaich. Còmhla ri a bhràthair Cornelis, cha do chaill e dìreach a dreuchd ach a bheatha fhèin cuideachd, nuair a mharbh gràisg fheargach fhiadhaich dhe Orangich iad ann an Den Haag.[5]

A-rèir Margareth Turnor,[6] mhair Bliadhna na Dosgainne 17 mìosan. Dhùineadh bancaichean, sgoiltean, bùthan, taighean-cùirtean agus taighean-cluiche. Bhris peantairean agus luchd-malairt ealaine air sàilleabh staing doirbh an eaconomaidh. Tha seanfhacal na dùthcha ag innis dhuinn gu robh an nàisean redeloos (neo-reusantach), an dùthaich reddeloos (neo- tèarainte) agus an riaghaltas radeloos (neo-dhòchasach).[7]

Iomraidhean

  1. IS Geschidenis
  2. Offizierscorp
  3. Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 30-31.
  4. Fietsen in de Achterhoek
  5. Guido de Bruin, Den Haag: Gevangenpoort: de Haagse broedermoord, 20 augustus 1672 in Maarten Prak (red.), 'Nederland in de zeventiende en achttiende eeuw (Amsterdam 2006)
  6. Panhuysen, L. (2009) Het Rampjaar, p. 13.
  7. Geschiedenis 24