An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Puerto Carreño"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Adding ms:Puerto Carreño
b Bot: Migrating 15 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q130304 (translate me)
Loidhne 39: Loidhne 39:
[[Category:Bailtean]]
[[Category:Bailtean]]


[[en:Puerto Carreño]]
[[es:Puerto Carreño]]
[[fr:Puerto Carreño]]
[[it:Puerto Carreño]]
[[ko:푸에르토카레뇨]]
[[lt:Puerto Karenjas]]
[[ms:Puerto Carreño]]
[[ms:Puerto Carreño]]
[[nl:Puerto Carreño]]
[[no:Puerto Carreño]]
[[pnb:پورتو کارینو]]
[[pt:Puerto Carreño]]
[[qu:Puerto Carreño]]
[[sv:Puerto Carreño]]
[[vi:Puerto Carreño]]
[[war:Puerto Carreño]]
[[zh:卡雷尼奥港]]

Mùthadh on 09:43, 9 dhen Mhàrt 2013

Puerto Carreño
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Vichada
Sgìre Llanos Orientales
Àirde 51m
Co-chomharran 06° 11' 16' Tuath
67° 28' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,409 km²
Àireamh-shluaigh 13,288 (2005)
Dlùths 1.07/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Phuerto Carreño

‘S e prìomh-bhaile na roinne Vichada, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Puerto Carreño. Tha e suidhichte aig àirde dhe 51m os cionn ìre na mara agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1954 anns an sgìre ris an canar Còmhnardan an Ear (Spàinntis: Llanos Orientales). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus gnìomhachas a’ chruidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 13,288 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[2]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 13,288 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,256 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Carreño, ach tha 23.8% dhe Tùsanaich agus 5.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 83.7% dhe na daoine ann an Puerto Carreño leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4 % dhe na dachannan.[4]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Carreño. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann am Puerto Carreño

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia