An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ramón González Valencia"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding pl:Ramón González Valencia
b Bot: Migrating 4 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q3138725 (translate me)
Loidhne 104: Loidhne 104:
[[Category:Poileataigs]]
[[Category:Poileataigs]]


[[en:Ramón González Valencia]]
[[es:Ramón González Valencia]]
[[fr:Ramón González Valencia]]
[[pl:Ramón González Valencia]]
[[pl:Ramón González Valencia]]
[[yo:Ramón González Valencia]]

Mùthadh on 09:15, 9 dhen Mhàrt 2013

Ramón González Valencia

Ainm na Dùthcha Coloimbia
Teirm 3mh an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910
Ro-Theachdaire Jorge Holguín
Neach-Ionlaid Carlos E. Restrepo Restrepo
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 24mh an Cèitean 1851
Àite Bhreithe Chitagá (Norte de Santander)
Ceann-Là a Bhàis 3mh an Dàmhair 1928
Àite a Bhàis Pamplona (Norte de Santander)
Bean/Fear-Chèile María Antonia Ferrero
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear, stàitire, fear-lagha

B’ e ' Ramón González Valencia' (Chitagá, Norte de Santander, 24mh an Cèitean 1851 - Pamplona, Norte de Santander, 3 an Damhair 1928) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na Ceann-suidhe na dùthcha bho 3 an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910. Chaidh e a dh’ainmeachadh ceann-suidhe leis a’ Mhòr-dhail an àite Rafael Reyes, is e na leas ceann-suidhe fodha eadar 1904 agus 1909.[2][3]

Beatha armachd

‘S e saighdear gu math ainmeil a bh’ann González is thug e pàirt ann an iomadh chogadh cudromach air feadh na dùthcha, chan eil a’ dèanamh rian-iomairtean a-mhàin, ach bha e an sàs anns na sabaidean cuideachd, agus fhuair e cliù anns na cogaidhean sìobhalta dhe 1876 agus 1895, a bharrachd air Cogadh na Mìle Làithean.

Ceannas Coloimbia

‘S e co-chruinneachadh a ghairm tro Lagh àireamh 3 dhe 1910 airson ath leasachaidhean a sgrùdadh is a ghabhail ris taobh a’ Bun-Reachd dhe 1886 an rud na bu chudromaiche a rinn e fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais. Chruthaich an t-Ath Leasachadh poileataigeach sin ùine mhòr shìtheil airson na dùthcha, is le sin chaidh pròiseas dhe ùrachadh eaconamach a chur air dòigh.

Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886

‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh an Cèitean dhe 1910 airson a’ Bun-Reachd dhe1886 a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, Carlos E. Restrepo Restrepo, Pedro Nel Ospina Vásquez, Enrique Olaya Herrera, Rafael Uribe, nam measg.

Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:

  • Cur às do bhinn bàis.
  • Casg air airgead ùr ann an cruth pàipear a dhèanamh.
  • Cruinneachadh bliadhnail a’ Mhòr-dhail.
  • Taghadh bliadhnail na luchd-ainmichte leis a’ Mhòr-dhail
  • Taghadh poblach ceann-suidhe na poblachd airson teirm dhe ceithir bliadhna.
  • Cha b’ urrainn dhan cheann-suidhe dà theirm fhaighinn ri chèile.
  • Casg air a’ cheann-suidhe, neo duine sam bith san àite aige, an dùthaich fhàgail fhad’ s a bhios e na dreuchd gu ruige bliadhna an a dhèidh, gun chead an t-Seanaidh.
  • Atharrachadh a’ chinn-suidhe gach ceithir bliadhna.
  • Soilleireachadh dleastanasan a’ chinn-suidhe nuair a bhios cogadh thall thairis neo ùpraid anns an dùthaich ann.
  • Ath stèidheachadh na Co-chruinneachaidhean Roinneil
  • Stèidheachadh na roinnean Atlántico agus Norte de Santander

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Liosta cinn-suidhe na dùthcha


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: