An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aristotelis"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying mr:ॲरिस्टॉटल
b Robot: Adding zea:Aristoteles
Loidhne 168: Loidhne 168:
[[yi:אריסטו]]
[[yi:אריסטו]]
[[yo:Aristotulu]]
[[yo:Aristotulu]]
[[zea:Aristoteles]]
[[zh:亚里士多德]]
[[zh:亚里士多德]]
[[zh-min-nan:Aristotélēs]]
[[zh-min-nan:Aristotélēs]]

Mùthadh on 19:09, 6 dhen t-Samhain 2012

Aireasdotal

'S e Aristoteles (Greugais: Ἀριστοτέλης, Aristotelēs, Beurla: Aristotle; beò 384 RC, Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig – 7 am Màrt 322 RC, Chalicis, Euboea, a' Ghrèig), còmhla ri Platon, aon de na feallsanaichean as cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

Fosgladh

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh'ann an athair Arasdotal. Bho aois ochd-deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fo am feallsanaiche ainmeil Plato.

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh'anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Arasdotal, Plato agus Socrates . 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Arasdotal a bh'ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Arasdotal Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir.

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mi-chinnteach agus nach b'urrainn do dhuine sam bith fios firinneach fhaighean ach bho tionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-Saoghal.

Bha diofar bheachdan aig Arasdotal. Bha esan a smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromach. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' again a thuirt Arasdotal 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt oraid. 'S e feadhainn de na sgriobhaidhean is ainmeil aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Eachdraidh agus Cudthrom obair Aireasdotal

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Arasdotal bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgriobhaidhean aig Aireasdotal fhàgail dha Theophrastus. 'Se Theophrastus am maighsear a lean Arasdotal agus dh'fhalaich e na sgriobh è airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA