An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Inbhir Nis"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying nl:Inverness (Verenigd Koninkrijk)
No edit summary
Loidhne 14: Loidhne 14:
| DUILLEAG = [http://www.inverness-scotland.com/index.asp?lan=ga Inbhir Nis]
| DUILLEAG = [http://www.inverness-scotland.com/index.asp?lan=ga Inbhir Nis]
}}
}}
'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-[[Alba]] a th' ann an '''Inbhir Nis'''. 'S e Inbhir Nis prìomh-bhaile sgìre [[Comhairle na Gàidhealtachd|Chomhairle na Gàidhealtachd]].
'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-[[Alba]] a th' ann an '''Inbhir Nis''' agus 'S i prìomh-bhaile sgìre [[Comhairle na Gàidhealtachd|Chomhairle na Gàidhealtachd]].


Tha e aig [[inbhir]] i.e. beul, Abhainn Nis. 'S e Inbhir Nis am baile as luaithe a' fàs anns an [[Roinn Eorpa|Roinn Eòrpa]]. Bho [[2001]] 's e sluagh a' bhaile 51,000 agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo tarsainn air an ath thrichead bliadhna.
Tha Inbhir Nis suidhichte aig beul (inbhir) Abhainn Nis agus 'S i am baile as luaithe a tha a' fàs san [[Roinn Eorpa|Roinn Eòrpa]] san latha an-diugh. Bho [[2001]] 's e sluagh a' bhaile 51,000 agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo tarsainn air an ath thrichead bliadhna.


== Cruinn-eòlas ==
== Cruinn-eòlas ==

Mùthadh on 14:21, 11 dhen Dàmhair 2012

Inbhir Nis
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 28′ 18.36″ Tuath
4° 13′ 31.68″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 40,900 (2001)
Àireamh fòn 01463
Duilleag oifigeil Inbhir Nis

'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-Alba a th' ann an Inbhir Nis agus 'S i prìomh-bhaile sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha Inbhir Nis suidhichte aig beul (inbhir) Abhainn Nis agus 'S i am baile as luaithe a tha a' fàs san Roinn Eòrpa san latha an-diugh. Bho 2001 's e sluagh a' bhaile 51,000 agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo tarsainn air an ath thrichead bliadhna.

Cruinn-eòlas

Mapa Inbhir Nis
Suidheachadh

Tha Inbhir Nis suidhichte aig ceann ear-tuath Ghlinn Albainn, air taobh deas an Linne Mhoireibh far a bheil an odhar a dhoirteas a-mach a ceann ear-thuath Loch Nis ag coinneamh sal na mara. Tha Ceann Loch Nis 6 miltean air falbh. Tha beul searach Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir a tha a' ceangail an Linne Mhoireibh le Loch Linnhe le rathad Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lochaidh aig Clach na h-Airidh air iomall a' bhaile.

Eachdraidh

Bha Inbhir Nis taigh do Na Cruithnich agus bha Calum Cille a' tadhail an seo ann an 565. Chaidh an caisteal a thogail le Maol Chaluim Mac Dhonnchaidh. Thog Crombhuel "Citadel" ri taobh a' Bhaile. Anns a' bhliadhna 2001 rinneadh cathair dheth, a cheilearaich an Millenium ur.

Gàidhlig

Chithear gun do dh'atharraich an cànan bho Ghàidhlig gu Beurla anns na linntean sa chaidh. Bathar ag ràdh anns an New Statistical Account of Scotland ann an 1845:

"... but it [Gàidhlig] is fast wearing out, and by the rising generation English is almost universally preferred, especially in the town of Inverness, where many of them are wholly ignorant of Gaelic." [1]

Ann an 1881 bha Gàidhlig aig 23.3 % de mhuinntir a‘ bhaile [2], ach ann an 2001 cha robh i aig ach 5.47 % dhiubh.[3]

Chaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1871.

Tha oidhirpean anns a' bhaile airson a' Ghàidhlig a chumail bèo, mar eisimpleir chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a chur air bhonn anns an Lùnasdail 2007.

Giùlan

Tha seirbheisean trèana (dìreach) bho Stèisean-rèile Inbhir Nis gu Obar Dheathain, Sràid na Ban-righ ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Pheofharain, Inbhir Uige/Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Lunnainn.

Tha rathad mòr (A9, A82 agus A96) a' ceangal Inbhir Nis le Obar Dheathain, Glaschu, Peairt, Inbhir Uige agus Dùn Èideann.

Tha plèanaichean bho Phort-Adhair Inbhir Nis ag itealag gu Sassain agus Eireann.

Gniomhacasan

Is baile malairt agus rianachd a tha ann an Inbhir Nis anns an latha an diugh. Chaill Inbhir Nis an cuid bu mhotha de a gniomhacasan giollachais ré an treas ceathramh den fhicheadamh linn.

Daoine cudromach

Rugadh Murchadh Friseal, neach-poileataigs Albannach ann an Inbhir Nis san 5 an t-Sultain 1965.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Gàidhlig Local Studies Kurt C. Duwe: Gàidhlig Local Studies 1 Vol. 23: Inbhirnis & Taobh Loch Nis, an Ceitean 2005, td 5
  2. Gàidhlig Local Studies Kurt C. Duwe: Gàidhlig Local Studies 1 Vol. 23: Inbhirnis & Taobh Loch Nis, an Ceitean 2005, td 7
  3. www.scrol.gov.uk
  4. Stadt Augsburg