An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Fiosaig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b Robot: Adding lez:Физика
Loidhne 142: Loidhne 142:
[[lad:Fisika]]
[[lad:Fisika]]
[[lb:Physik]]
[[lb:Physik]]
[[lez:Физика]]
[[li:Natuurkunde]]
[[li:Natuurkunde]]
[[lmo:Fisica]]
[[lmo:Fisica]]

Mùthadh on 03:11, 1 dhen Dàmhair 2012

Eòlas-nàdair, eisimpleirean às na roinnean diofraichte

'S e eòlas-nàdair (no feallsanachd-nàdarra, no fiosag) an saidheans nàdarrach a tha a' ceasnachadh riaghailtean bunaiteach an nàdair. Tha e a' rannsachadh co-phàirtean bunaiteach an nàdair agus nan eadar-obraichean orra. Tha e a' dèiligeadh ris na feartan agus ri giùlan stutha is lùiths ann am fànas is ann an tìde. Tha e a' deiligeadh ri daineamaig fànais is tìde cuideachd. Bheirear iomradh air nàdar-fheallsanachd gu tric mar saidheans an nàdair neo-bheathail, an coimeas ri bith-eòlas, saidheans an nàdair bheathail.

Tha iomadh roinntean anns an saidheans seo. Tha feallsanaich-nadurra air a bhi ri rannsachadh leantainneach bhon 17mh linn, nuair a rinn Isaac Newton cuid obair bun-aiteach air feartan (no buaidhean) de solas.

Aonadan Thomhais

Tha aonadan-thomhais riatanach ri deuchainnean saidheansail. Is Système international d'unités neo SI an siostam-thomhais caighdeanachd de eòlas-nàdair anns an latha an diugh. Tha e stèidhichte air seachd bun-aonadan. Tha gach bun-aonad na h-aonad thomhais do bun-fheairt. Gabhar le abhaisteas, gu bheil gach bun-fheart ann an seòlad neo-eisimileachd fa-leth. Is iad na bun-fheartan: fàd, màs, tìm, teasad, srùth-dhealaineachd, àireamh agus soillearad. Is iad na bun-aonadan: Metre, Cilogram, Diog (seconde), Ceilbhin, Ampere, Mòl, agus Càindeile. Tha ainmean agus comharraidhean nan aonad aontaichte aig ìre eadar-nàiseanta, ach le abhaisteas sgrìobhair ainmeanan nan aonad an aithisgean agus paipearan a rèir na caighdeanan litrichidh daingnichte ri cànan an aithisg.

Optaig

Is i seo an roinn de eòlas-nàdair a dheiligeas le buaidhean de solas. Rinneadh an rannsachadh bunaiteach air an sgoil seo le am feallsanach ainmeil Sasunnach Sir Issac Newton (1642-1727) rè an 17mh linn.

Fhoillseach Newton tractas-mòr "Opticks" air a'chuise seo anns a bhliadhna 1706 (Dearbh). Anns an tractas sin chaidh ainmeachadh air agus mineachadh de cuid math de "dlighean" optaig, bu sonraichte dlighean ath-tilgidh (le sgathanan) agus dlighean ath-sgaraidh (le lionsan).


Nàdair de Solas

Cha robh nàdair de solas cinnteach ri linn Newtoin- bha cuid feallsanaich den bheachd gur e sruth de meanbh-cnapan a bha ann an gàth-sholais agus cuid den bheachd gu robh solas a' siubhal na tuinn. Tha fios againn anns an latha an diugh gu bheil nàdair de sruth de meanbh-cnapan (fotonan)agus gu bheil nàdair de tuinn ann an gàth sholuis.

Co-Gluasad

Seo an roinn de eòlas-nàdair a dheiligeas le cnapan stugh fo bhuaidh cumhachdan-eiginn (no forsaichean). Tha co-gluasadan clasaigeachd steidhichte air tri dlighean a chaidh air ainmeachadh le Isaac Newton, mar àlach chanar "Na dlighean co-ghluasad Newtoin" dhaibh.

1 A'chiad dlighe co-gluasad de Newton

"Is buadh do gach corp gun laighe e na fois neo gun cum e air, na shiubhal aig astar cunbhalach air rian direach mur a bi cumhachd-eiginn a' gnàthadh air."

2. An dara dlighe co-gluasad de Newton

"Nuair a bhios cumhachd-eiginn a' gnathadh air corp, bithidhidh luach an ath-luathasachaidh a reir am forsa roinnte le a tomad."

(Is abhaist dhuinn a sgriobh seo anns an cruth "Forsa = tomad x ath-luathasachadh")

3.An treas dlighe co-gluasad de Newton

"Ri gach iomain bacachd"

No mar a sgriobh Newton a fhein "Actionem quod semper reactionem", a' ciallachadh nach bruth cumhachd-eiginn (forsa)air ni sam bith ach, an luib an ath-luathsachadh a tha aobharaichte air an cnap tomaid a tha ann leis a bhruthadh bithidh an cnap a phutadh air ais (bacachd) an aghaidh am forsa iomain. (Dearbhar seo le deuchainn simplidh: prib balla agus goiteachar d' ordag).

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA