An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mohammed"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Adding am:መሐመድ
b r2.7.2+) (Robot: Modifying sq:Muhammedi
Loidhne 163: Loidhne 163:
[[sl:Mohamed]]
[[sl:Mohamed]]
[[so:Nabi Muxamed S.C.W.]]
[[so:Nabi Muxamed S.C.W.]]
[[sq:Muhameti]]
[[sq:Muhammedi]]
[[sr:Мухамед]]
[[sr:Мухамед]]
[[su:Muhammad]]
[[su:Muhammad]]

Mùthadh on 10:15, 28 dhen Iuchar 2012

"Miraj" (Muhammad's ascent), dealbh le Sultan Muhammad ann an "Khamsa of Nizami" (1539-43)

Muhammad ( Arabais: محمد‎ muḥammad); rugadh mu 570, bhàsaich air 8 an t-Òg Mhios 632 ). ’S e Muhammad a ainm slàn; Muhammad ibn Abdullah (a’ ciallachadh "Muhammad mac Abdullah"), an neach a stèidhich an creideamh Islam - an dara creideamh is motha anns an t-saoghal as dèidh Crìosdaidheachd. Tha sluagh Ioslam, na Moslamaich, a’ creideamh gur e am Fàidh mu dheireadh a bh’ann am Muhammad agus gur e an leabhar, an Churàn, facal Dhè a chaidh innis do Mhuhammad tron Aingeal Gabrial.

Tha pailteas de sgrìobhaidhean agus ràdhan againn a tha dèiligeadh le beatha Muhammad. Nam measg ’s e an fhear is ainmeil eachdraidh-beatha a chaidh a chruthachadh anns an 8mh linn le sgoileir den ainm Ibn Ishaq.

Toiseach beatha agus Mecca

Rugadh Muhammad timcheall air a’ bhliadhna 570 AC gu treubh Arabach den ainm Quraysh ann an taobh a deas sgìre Hijaz. ’S e teaghlach uasal a bh’annta agus mu chòig ginealach ro Muhammad fhuair iad smachd air baile Mhecca agus, fon shinn-seanair aige, chaidh an àite a stèidheachadh mar aon de na prìomh bhailtean airson malairt anns an Ear-Mheadhanach le càirdeas ri Ìmpireachd an Roimh còrdaidhean le na dùthchannan eile mun cuairt – Ìmpireachd Phearsia agus na Rìoghachdan ann an Yemen agus an Itiop. Agus ’s ann mar seo a chaidh an coimhearsnachd ris am buineadh Muhammad, le marsantachd fìor aig a chridhe, a chuir air dòigh.

Ged a rugadh e ann an 570 AC cha do ghabh e dreuchd mar prophet gu 610 nuair a bha e mu 40 bliadhn’ a dh’aois. Anns na bliadhnachan ron a sin cha robh beatha annasach aige idir. Bhàsaich athair mus deach a bhreith agus bhàsaich a mhàthair nuair a se pàistean a bh’ann fhathast. Mar sin chuir e seachad a òigridh a’ fuireach le bràthair athar, duine den ainm Abu Talib. Nuair a ruig e 25 fhuair e obair a’ coimhead an dèidh carabhan le banntrach beartach agus an dèidh greis phòs iad.

Ged is e pàganachd an seòrsa creideimh a bu chumanta ann an Arabia aig an àm a bha seo, bha gu leòr, gu h-àraidh ann an taobh a tuath na sgìre, a chumadh ris an creideamh Chrìosdaidh anns an cruth Nestorian no Monophysite. Gu dearbh, ’s ann mar àite monotheistic a chaidh Mecca a stèidheachadh ged a bha e air tilleadh gu creideamh pàganach mun àm a rugadh Muhammad.

Taisbeanadh

Bhiodh Muhammad a cuir seachad aon mìos sa bhliadhna seachad air Beinn Hira’ – cleachdadh pàganach a bha cumanta aig an àm. Aon oidhche agus e a cadal air am beinn chunnaic e an aingeal Gabriel, a dh’èigh ris “Ath-innse!” (recite!) Anns na bliadhnachan a lean se Gabriel a bhiodh a toirt na ràdhan a chruthaicheadh an Quran agus an creideamh Muslamach do Mhuhammad. Ach, aig an àm, bha seo a cuir dragh mòr air agus airson greis bha eagal air gun ro e air a chiall a chall agus gun ro diabhail a choireigin ga phianadh. Ach, mu dheireadh, ghabh e ris an dreuchd. Chuir e seachad an ath deich, còig-deug bliadhn a fuireach ann am Mecca a toirt seachad ràdhan ùr agus a teagaisg na bha a creideamh.

A’ sgaoileadh a chreideamh agus Hijra

An toiseach cha robh duine a’ leantainn Muhammad ach a theaghlach fhèin agus fad timcheall air trì bliadhna cha robh ann ach rud prìobhaideach, pearsanta. Ach an dèidh greis chaidh cantainn ris a chreideamh a sgaoileadh a-measg an t-sluaigh mhòir. Cha robh seo a’ cuir dragh air na pàganaich ann am Mecca an toiseach (agus s’iad a mhòrchuid anns am baile fhathast) agus iad ag ràdh nach robh adhbhar sam bith ann nach fhaodadh duine creideamh a thaghadh dha fhèin mar a thogradh e. Ged a chaidh a chàineadh rud beag cha robh cus trioblaid aig Muhammad gus an do thòisich e a magadh nan diathan pàganach a bhuineadh ris a’ choimhearsnachd fhèin. Bhris an càirdeas sìos a bh’ann eadar na diofar threubhan agus theich buidhean de na Muslimich gus an Itiop ach dh’fhuirich Muhammad fhèin ann am Mecca agus e sàbhailt air cùlaibh cumhachd bràthair athar – Abu Talib. Ach chaochail Abu Talib agus bha aig Muhammad coimhead airson taic an àiteigin eile. Chuir e greis seachad a’ siubhail bho àite gu àite a’ sireadh taice bho dhiofar threubhan ach cha deach leis gus an do choinnich e ri buidhean bho bhaile Medina. Chuir e cuireadh thuca suidhe leis. Dh’fhoillsich e a chreideamh aige agus ghabh iad ris – bha seann choimhearsnachd Iùdhach stèidhichte ann am Medina agus mar sin, ged is e pàganaich a bh’annta, bha na Arabaich a bhuineadh ris an àite nas eòlaiche, agus mar sin nas fosgailte, do ràdhan monotheist den t-seòrsa a bha Muhammad a’ teagaisg. Dh’iarr iad air a thighinn dhachaidh còmhla riu agus iad ag ràdh:

"mu ruigeas ar daoine aonadh fo Dhia, cha bhi neach ann a tha nas cumhachdach na thu"

Agus an dèidh dhaibh cùmhnant a dhèanamh dh’òrdaich Muhammad air an luchd-leantainn aige gluasad bho Mecca gu Medina. ‘S e an “Hijra” an t-ainm a th’aig na Muslimich air a’ chuairt seo agus tha an calendar Muslimeach a’ tòiseachadh bho bhliadhna an Hijra – 622 AC.

Medina

Stèidhichte ann am Medina mar ceannard chuir Muhammad air dhòigh riaghailtean sòisealach, poilitigeach agus laghail a chaidh a chruinneachadh mar rud ris an canar a-nis “Cùmhnant Mhedina”. Tha an aithisg seo a foillseachadh gu bheil coimhearsnachd de dhaoine ann a tha a leantainn Muhammad – se an “umma” an ainm aca. Tha e cuideachd a cuir air adhart inbhe Muhammad mar am prìomh cumhachd anns an coimhearsnachd agus gum beachdadh esan (agus troimhe, Dia) air argamaid no co-strì sam bith a-measg nan daoine. Cha do ghabh a h-uile duine ris an cùmhnant ùr. Dh’agallaidh Muhammad na Iùthaich anns an sgìre agus chaidh an càirdeas eadarra a shàrachadh le feadhainn de na treubhan air an tilgeil a mach as am baile. Chrìochnaich an sabaid nuair a chuir Muhammad a h-uile fìrinneach ann an treubh Iùthach den ainm Banu Qurayza (Clann Qurayza) gu bàs agus rinn e tràillean de na boireannaich agus clann aca. An dèidh seo cha ro àite ann an coimhearsnachd ùr Mhuhammad airson nan Iùthaich.

Cogadh agus smachd air Arabia

‘S e am prìomh cuir-seachd de àm Muhammad ann am Medina cogadh. Thairis air ochd bliadhna bha cogadh ann eadar Medina, le Muhammad os a chionn, agus baile Mhecca a bha air eilthireach a dhèanamh dhe. Mu dheireadh rinn Muhammad a chùis agus fhuair e smachd air am baile anns an deach a bhreath agus a thogail. Anns an ùine seo chan ann a bhàin an aghaidh Mecca a bha e a sabaid; fhuair e buaidh air iomadach threubh eile – Iùthach agus Arabach. A-rèir eachdraidh an t-saoghal air fad ‘s e an rud is cudromach a thachair anns an àm a tha seo gun do thionndaidh Muhammad a shùil gu tuath, seachad air crìochan Arabia. Bha e an dòchas ionnsaigh a dhèanamh air Ìmpireachd an Roimh ach bhàsaich e mus d’fhuair e an cothrom, agus e a fàgail 9 mnathan agus aon coileabach air a chulaibh. Ach, mu ginealach an dèidh dha caochladh bha an luchd-leantainn aige air cuir às don an Ìmpireachd aosmhor aig Persia agus smachd fhaighinn air a chuid mhòr do dh’ Ìmpireachd an Ròimh agus sann mar seo a chaidh an ear-mheadhanach air a bheil sinn eòlach an diugh a chruthachadh.


Aistidhean Co-Cheangailte

Teamplaid:Link FA