An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Magnus Maximus"
bNo edit summary |
b r2.7.1) (Robot: Adding gl:Magno Máximo |
||
Loidhne 29: | Loidhne 29: | ||
[[fr:Magnus Maximus]] |
[[fr:Magnus Maximus]] |
||
[[fy:Magnus Maksimus]] |
[[fy:Magnus Maksimus]] |
||
[[gl:Magno Máximo]] |
|||
[[hr:Magnus Maksim]] |
[[hr:Magnus Maksim]] |
||
[[it:Magno Massimo]] |
[[it:Magno Massimo]] |
Mùthadh on 13:53, 26 dhen Mhàrt 2012
Bha Magus Maximus (Macsen Wledig anns a’ Chuimris, mu 335 - 388) na cheannard air taobh an-iar na h-Ìompaireachd Ròmanaich eadar 383 agus a bhàs anns a’ bhliadhna 388.
Rugadh e sa Spàinn agus chaidh e a stèidheachadh mar iompaire leis an arm fhad’s a bha e air dleastanas ann am Breatainn. Rinn e a’ chùis air a phrìomh nàmhaid Gratianus faisg air Pairios agus chaidh a mharbh ann am blàr ann an Lyons air an 25 Lùnasdal 383. Thog Magnus Maximus prìomh bhaile Augusta Treverorum (Trier anns a’ Ghearmailtis) agus bha e na Chrìosdaidh.
Magnus Maximus ann am beul-oidas na Cuimrigh
A rèir faon-sgeul Chuimrich bho na meadhan-aoisean, phòs Magnus Maximus Elen Luyddog, nighean Eudaf à sgìre Segontium, ‘s e sin an daingneach Ròmanach faisg air Caernarfon, agus tha fianais, gu ìre, gu bheil an sgeulachd seo fìor. A rèir faon-sgeul Chuimris dh’fhàg na Ròmanaich a' Chuimrigh fichead bliadhna ron chòrr dhe Bhreatainn.
A rèir sinnsireachd Chuimrich tha Naomh Peblig agus Owain fab Macsen Wledig nam mic aig Magnus Maximus agus Elen.
Sgrìobh agus sheinn Dafydd Iwan òran ainmeil mu dheidhinn Mhagnus Maximus, ‘Yma o Hyd’.