An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sionnachan-mara"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 25: Loidhne 25:


[[ar:بحر محترق]]
[[ar:بحر محترق]]
[[en:Milky seas effect]]
[[es:Mar de ardora]]
[[es:Mar de ardora]]

Mùthadh on 13:49, 5 dhen Fhaoilleach 2012

Sionnachan-mara far cladach Shomàilia

'S e sionnachan-mara an t-ainm air rud a gheibhear air a' chuan 's teine-sionnachan a' nochdadh air raon mòr dhen chuan, suas ri 6,000 mìle ceàrnagach dheth. 'S e lobhagan a bhios ag adhbharachadh seo agus tha iad a' cruthachadh solas gorm uaigealta.

Fionn-sgeulan

Tha iomadh fionn-sgeul a' toirt luaidh air an rud seo, a' dol air ais na ceudan de bhliadhnaichean agus bidh mòran eòlach air an sgeul aig Jules Verne, Fichead mìle aitheamh fon mhuir, far a bheil sionnachan-mara a' nochdadh.

An saidheans

Cha deach rannsachadh saidheansail a dhèanamh air ach o chionn goirid, ged a chaidh a chlàradh 235 turas a-mach o 1915, gu h-àraidh ann an Cuan nan Innseachan faisg air an Innd-Innse.

Shoirbhich le soitheach-rannsachaidh sa Mhuir Arabach sampall dhen t-sàil a thogail rè sionnachain-mhara agus cho-dhùin iad, an dèidh rannsachadh a dhèanamh air, gur e an lobhag Vibrio harveyi a tha 'ga adhbharachadh.

Chaidh aig neach-rannsachaidh, Steven Miller o dheuchainn-lann mara ann am Monterey ann an 2005 dealbh-saideil a cheangal ri cunntas a rinn soitheach-malairt air sionnachan-mara. A-rèir an deilbh, bha an làrach mu 15,400-km² a mheud agus bha e a' dol fad trì oidhcheannan.

Ged a tha coltas geal air ann an dealbhan, tha solas nan lobhagan gorm ach a chionn 's nach eil e ri fhaicinn ach air an oidhche, chan fhaic mac an duine ach solas geal dheth.

Tùsan is barrachd leugaidh