An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oscar Wilde"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding kk:Оскар Уайльд
b r2.7.1) (Robot: Adding qu:Oscar Wilde
Loidhne 95: Loidhne 95:
[[pms:Oscar Wilde]]
[[pms:Oscar Wilde]]
[[pt:Oscar Wilde]]
[[pt:Oscar Wilde]]
[[qu:Oscar Wilde]]
[[ro:Oscar Wilde]]
[[ro:Oscar Wilde]]
[[ru:Уайльд, Оскар]]
[[ru:Уайльд, Оскар]]

Mùthadh on 05:18, 30 dhen t-Samhain 2011

Teamplaid:Sgrìobhadair

B' e Oscar Fingal O'Flahertie Wills Wilde (16 an Damhair 1854 ann am Baile Átha Cliath30 an t-Sultain 1900 ann am Paris) na ùghdair Eireannach. Bha e a b' ainmeile mar dràmaiche nuair a bha e beò, ach bha e a' sgrìobhadh dàintean agus rosg cuideachd. Bha e a' cleachdadh paradacsan gu leòr - b' esan, còmhla ri G. K. Chesterton, aon de na sgrìobhadairean a bha gan cleachdadh as motha.

Dràmaiche

B' e Oscar Wilde na dhuine soirbheachail agus iomraichteach anns an deireadh 19 linn air sgàth nan dealbhan-cluich a bha e a' sgrìobhadh. Mar as àbhaist, 's iad aoirean làn de còmhradh sgaiteach is beur, agus thathar feadhainn dhiubh gan cluich fhathast, as trice The Importance of Being Earnest.

Bàrd

'S e The Ballad of Reading Gaol an dàn as ainmeile aige. Chaidh Wilde a chur am prìosan airson dà bhiadhna ann an 1895 airson eucoirean co-sheòrsach agus sgrìobh e an dàn an dèidh dha am prìosan fhàgail. Tha e a' smaoineachadh air peanas-bàis ann.

Sgrìobhadair ruisg

Sgrìobh Oscar Wilde grunnan sgeulachdan goirid, an dà chuid àbhachdach (m.e. Lord Arthur Savile's Crime) agus brònach (m.e. The Happy Prince), na tha a' nochdadh an clò mar chruinneachaidhean gu seo. Rinn e cuid mhath dhiubh airson cloinne. Cha do sgrìobh e ach aon nobhail, The Picture of Dorian Gray, ach tha ise am measg leabhraichean clasaigeach an-diugh.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: