An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ramón González Valencia"
No edit summary |
b r2.6.5) (robot Adding: yo:Ramón González Valencia |
||
Loidhne 106: | Loidhne 106: | ||
[[en:Ramón González Valencia]] |
[[en:Ramón González Valencia]] |
||
[[es:Ramón González Valencia]] |
[[es:Ramón González Valencia]] |
||
[[yo:Ramón González Valencia]] |
Mùthadh on 02:54, 21 dhen Ògmhios 2011
Ramón González Valencia
Ainm na Dùthcha | Coloimbia |
---|---|
Teirm | 3mh an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910 |
Ro-Theachdaire | Jorge Holguín |
Neach-Ionlaid | Carlos E. Restrepo Restrepo |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia |
Ceann-Là Bhreithe | 24mh an Cèitean 1851 |
Àite Bhreithe | Chitagá (Norte de Santander) |
Ceann-Là a Bhàis | 3mh an Dàmhair 1928 |
Àite a Bhàis | Pamplona (Norte de Santander) |
Bean/Fear-Chèile | María Antonia Ferrero |
Creideamh | Caitligeach |
Dreuchdan | saighdear, stàitire, fear-lagha |
B’ e ' Ramón González Valencia' (Chitagá, Norte de Santander, 24mh an Cèitean 1851 - Pamplona, Norte de Santander, 3 an Damhair 1928) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na Ceann-suidhe na dùthcha bho 3 an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910. Chaidh e a dh’ainmeachadh ceann-suidhe leis a’ Mhòr-dhail an àite Rafael Reyes, is e na leas ceann-suidhe fodha eadar 1904 agus 1909.[2][3]
Beatha armachd
‘S e saighdear gu math ainmeil a bh’ann González is thug e pàirt ann an iomadh chogadh cudromach air feadh na dùthcha, chan eil a’ dèanamh rian-iomairtean a-mhàin, ach bha e an sàs anns na sabaidean cuideachd, agus fhuair e cliù anns na cogaidhean sìobhalta dhe 1876 agus 1895, a bharrachd air Cogadh na Mìle Làithean.
Ceannas Coloimbia
‘S e co-chruinneachadh a ghairm tro Lagh àireamh 3 dhe 1910 airson ath leasachaidhean a sgrùdadh is a ghabhail ris taobh a’ Bun-Reachd dhe 1886 an rud na bu chudromaiche a rinn e fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais. Chruthaich an t-Ath Leasachadh poileataigeach sin ùine mhòr shìtheil airson na dùthcha, is le sin chaidh pròiseas dhe ùrachadh eaconamach a chur air dòigh.
Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886
‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh an Cèitean dhe 1910 airson a’ Bun-Reachd dhe1886 a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, Carlos E. Restrepo Restrepo, Pedro Nel Ospina Vásquez, Enrique Olaya Herrera, Rafael Uribe, nam measg.
Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:
- Cur às do bhinn bàis.
- Casg air airgead ùr ann an cruth pàipear a dhèanamh.
- Cruinneachadh bliadhnail a’ Mhòr-dhail.
- Taghadh bliadhnail na luchd-ainmichte leis a’ Mhòr-dhail
- Taghadh poblach ceann-suidhe na poblachd airson teirm dhe ceithir bliadhna.
- Cha b’ urrainn dhan cheann-suidhe dà theirm fhaighinn ri chèile.
- Casg air a’ cheann-suidhe, neo duine sam bith san àite aige, an dùthaich fhàgail fhad’ s a bhios e na dreuchd gu ruige bliadhna an a dhèidh, gun chead an t-Seanaidh.
- Atharrachadh a’ chinn-suidhe gach ceithir bliadhna.
- Soilleireachadh dleastanasan a’ chinn-suidhe nuair a bhios cogadh thall thairis neo ùpraid anns an dùthaich ann.
- Ath steidheachadh na Co-chruinneachaidhean Roinneil
- Steidheachadh na roinnean Atlántico agus Norte de Santander
Iomraidhean
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)