An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (robot Adding: fy:Skotsk-Gaelysk
No edit summary
Loidhne 24: Loidhne 24:
| Teacsa =
| Teacsa =
}}
}}
'S e cànan dùthchasach na h-[[Alba]] a th' anns '''a' Ghàidhlig'''. Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.
'S i cànan dùthchasach na h-[[Alba]] a th' anns '''a' Ghàidhlig'''. Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.


== Teaghlach Cànain ==
== Teaghlach Cànain ==
'S i ball den teaghlach de [[Cànanan Ceilteach|chànanan Ceilteach]] dhen mheur [[Goidhealach|Ghoidhealach]] a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhelach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, [[Gaeilge|Gàidhlig na h-Èireann]], agus [[Gaelg|Gàidhlig Mhanainn]] agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-[[seann Ghàidhlig]] a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns [[a' Bheurla]] ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba cànar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am [[Beurla na h-Alba]] oir tha ciall an dara facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Gallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin. 'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na [[Gàidheil]] agus tha ceangail daingeann aice ri [[Gàidhlig na h-Èireann]]. Ge-ta, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an [[dualchas na h-Alba]] agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air [[a' Ghaidhealtachd]] agus ann an [[Innse Gall]].
'S i ball den teaghlach de [[Cànanan Ceilteach|chànanan Ceilteach]] dhen mheur [[Goidhealach|Ghoidhealach]] a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhelach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, [[Gaeilge|Gàidhlig na h-Èireann]], agus [[Gaelg|Gàidhlig Mhanainn]] agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-[[seann Ghàidhlig]] a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns [[a' Bheurla]] ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba canar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am [[Beurla na h-Alba]] oir tha ciall an dara facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Gallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin. 'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na [[Gàidheil]] agus tha ceangail daingeann aice ri [[Gàidhlig na h-Èireann]]. Ge-ta, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an [[dualchas na h-Alba]] agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air [[a' Ghaidhealtachd]] agus ann an [[Innse Gall]].


[[File:240px-Sanas.jpg|thumb|240px|right|Tha ainmean-àite ann an litreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid air feadh na Gàidhealtachd.]]
[[File:240px-Sanas.jpg|thumb|240px|right|Tha ainmean-àite ann an litreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid air feadh na Gàidhealtachd.]]

Mùthadh on 13:54, 30 dhen Ghiblean 2011

Gàidhlig na h-Alba
Fuaimneachadh [kaːlɪkʲ]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

58,552 ann an Alba [1]
2,000 ann an Alba Nuadh [2]
1,610 anns na Stàitean Aonaichte [3]
822 ann an Astràilia [4]
669 ann an Sealainn Nuadh [5]

Teaghlach-chànan

Ind-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Alba
Còdan Cànan
ISO 639-1 gd
ISO 639-2 gla
ISO 639-3 gla

'S i cànan dùthchasach na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig. Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.

Teaghlach Cànain

'S i ball den teaghlach de chànanan Ceilteach dhen mheur Ghoidhealach a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhelach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Èireann, agus Gàidhlig Mhanainn agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach". Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-seann Ghàidhlig a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns a' Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba canar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ciall an dara facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Gallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin. 'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingeann aice ri Gàidhlig na h-Èireann. Ge-ta, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air a' Ghaidhealtachd agus ann an Innse Gall.

Tha ainmean-àite ann an litreachadh Gàidhlig a' fàs nas cumanta air sanasan-rathaid air feadh na Gàidhealtachd.

Eachdraidh

Tòiseachadh

'S e cànan eachdraidheil de chuid mhòr de dh'Alba a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann airson nan seann Ghàidheal, a bha ainmichte mar "Scotti" leis na Goill ann an Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar "Scotia" no "Scotland" anns a' chànan Ghallda. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha feadhainn air an smuain a chur air adhart gun robh i ga bruidhinn ann an Earra-Ghaidheal ro teachd nan Ròmanach ach chan eil co-aontachas ann air a' chuspair seo.

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an Dail Riata, mòr-thir cuimsach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh “Alba Ghàidhealach” seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath. Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.

Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'Ulaidh ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh'fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Ghaidhealaich air a' chànan, agus i a' sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na Gall-Ghàidhealaibh mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan Cruithneach gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e Scottis an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.

San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, Coinneach MacAilpein air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhurtha agus Chluaidh. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm Alba airson na dùthcha air fad.

Crìonadh na Gàidhlig

Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.

Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho Gàidhlig na h-Èireann.

Faidhle:RossScotLang1400.JPG
Aon smuain air an dealachadh chànain ann an 1400

Thòisich a' Gàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn Mì rùn mòr nan Gall agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Gallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den Ghalldachd bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean mar Charraig agus na Ghall-Gàidhealaibh cho fadalach ris an 18mh linn.

Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh'atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de dhual-chainntean a dh'fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.

Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh Blàr Chuil Lodair an 1746. Air sgàth 's gun do dh'fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh'fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK)sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' dèanamh math do muinntir na Gàidhealtachd. Bhon sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth Fuadaichean na Gaidhealtachd.

Sanas-rathaid dà-chànanach aig Malaig, taobh siar na Gàidhealtachd.

B’ e cùnntas-sluaigh 1891 a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a clàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Ghallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an 1991, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.

Cultar

Tha beul-aithris agus dualchas litreachais làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Tha ceòl tradaiseanta Gàidhealach air fàs nas coileanta bho na 60an, agus tha barrachd is barrachd pàrantan a' togail an cuid cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.

Faic cuideachd Bàird Ghàidhlig, Film:Seachd, Ealain, Ceòl Gàidhlig

Na Meadhanan

Tha stèisean Gàidhlig aig a' BhBC, a sgaoileas cuideachd còmhla ris a' Ghàidhlig Èireannach Raidió na Gaeltachta. Tha prògraman Gàidhlig air an telebhisean air an sgaoileadh leis a' BhBC cuideachd, aig a bheil fo-thiotalan Beurla. Nì STV (pàirt Albannach aig ITV) cuid prògraman Gàidhlig air a shon fhèin agus don BhBC. Tha e comasach do dhaoine le Freeview TeleG fhaighinn, a sgaoileas fad uair a thìde gach feasgar. Thòisich seanail ùr digiteach, BBC Alba, air 19 An t-Sultain 2008, a tha ri fhaicinn tro Sky agus Freesat. 'S e co-obrachadh eadar BBC Scotland agus MG Alba a th' ann. Tha MG Alba na iomairt ùr air maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus sgaoileadh Gàidhlig a bhrosnachadh.

Cànan

Fuaimneachadh

Fuaimreagan

Tha an t-sràc throm aig na fuaimreagan na Gàidhlig, leis na litrichean à, è, ì, ò, ù. Tha an t-sràc gheur air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le é agus ó comharraichte, ach am bitheantas, tha sràc throm aig a h-uile fuaimreag.

A table of vowels with pronunciations in IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
a [a] bata
à [a:] bàta
e [ɛ], [e] le, teth
è, é [ɛ:], [e:] sèimh, fhéin
i [i], [i:] sin, ith
ì [i:] mìn
o [ɔ], [o] poca, bog
ò, ó [ɔ:], [o:] pòcaid, mór
u [u] tur
ù [u:] tùr

Dà-ghuthan

A table of diphthongs with pronunciations in IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
ai [a], [ə], [ɛ], [i] caileag, iuchair, geamair, dùthaich
ài [aː], [ai] àite, bara-làimhe
ao(i) [ɰː], [əi] caol, gaoil, laoidh
ea [ʲa], [e], [ɛ] geal, deas, bean
[ʲaː] ceàrr
èa [ɛː] nèamh
ei [e], [ɛ] eile, ainmeil
èi [ɛː] cèilidh
éi [eː] fhéin
eo [ʲɔ] deoch
eò(i) [ʲɔː] ceòl, feòil
eu [eː], [ia] ceum, feur
ia , [ia] biadh, dian
io [i], [ᴊũ] fios, fionn
ìo [iː], [iə] sgrìobh, mìos
iu [ᴊu] piuthar
iù(i) [ᴊuː] diùlt, diùid
oi [ɔ], [ɤ] boireannach, goirid
òi [ɔː] fòill
ói [oː] cóig
ua(i) [uə], [ua] ruadh, uabhasach, duais
ui [u], [ɯ], [ui] muir, uighean, tuinn
ùi [uː] dùin

Connragan

A table of consonants with pronunciations in IPA
Freumhail Sèimhichte
Ceart-sgrìobhadh Leathann Caol Ceart-sgrìobhadh Leathann Caol
b [p] [p] bh [v] [v]
c [kʰ, xk] [kʰʲ, çkʲ] ch [x] [ç]
d [t] [ʤ] dh [ɣ] [j]
f [f] [f] fh ciùin ciùin
g [k] [kʲ] gh [ɣ] [j]
l [ɫ] [ʎ] l [ɫ] [l]
m [m] [m] mh [v] [v]
n [nɰ] [ɲ] n [n] [n]
p [pʰ, hp] [pʰ, hp] ph [f] [f]
r [r] [r] r [r] [ɾʲ]
s [s] [ʃ] sh [h] [h]
t [tʰ, ht] [tʃʰ, htʃ] th [h] [h]
dà-bhileil bileil-fiaclach fiaclach còsagail for-chòsagail de bhràighe a' bheòil na cìche an t-sluagain
spreadhadh p, b , k, g
srònach m n ŋ
coireall r
bualadh ɾ
suathadh f, v s ʃ x, ɣ
lìomhachadh ʧ, ʤ
taobhach l, ɫ ʎ, j


Facail Iasadach

Tha dualchas Ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Ach tha mòran fhacal sa chànan bho chainntean eile ris an canar "facail iasadachd". Tha mòran dhiubh a' tighinn bho Laideann (muinntir, Didòmhnaich), seann Ghreugais le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (eaglais, Bìoball bho Ekklesia is Biblos), Lochlannais (eilean, sgèir), Eabhra (Sàbaid, Aba) agus Beurla Gallda (briogais, aidh).

Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro cruthachadh nua-fhacail a' bheanas ri adhartasan agus atharrachaichean a-rèir teicneòlais agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh. Ach 's tric a thèid am facal Beurla a ghabhail agus a chur ann an litreachadh na Gàidhlig; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e "cian-dealbh" ainm eile sa Ghàidhlig air a shon nach eil cho cumanta), coimpiùtar bho computer (ainmean eile nach tèid cleachdadh: aireamhadair, bocsa-fiosa). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no an Leòdhas, -igeadh) mar eisimpleir; "Tha mi a' watcheadh/watchigeadh an telly" (an àite "Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh").

A' dol san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a' Bheurla Ghallda]] agus Beurla gu ìre, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànananan seo mar : whisky (uisge), slogan (sluagh-ghairm), brogue (bròg), agus clan (clann), ben (beinn), glen (gleann) agus loch.

Eadar-Dhealachaidhean le Gàidhlig agus Gaeilge

Eisimpleirean:

Gàidhlig (Leòdhais) - Dè mar a tha thu?

Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?

Gaeilge (Ulaidh) — Caidé mar a tá tú?, no Cad é mar atá tú?

Gaeilge Choitcheann — Conas atá tú?


Gàidhlig - Chan eil airgead agam.

Gaeilge - Níl airgead agam


Gàidhlig na h-Éireann (Gaeilge) : Gàidhlig na h-Alba

Gael  : Gàidheal

lá  : latha

oíche  : oidhche

isteach  : a-steach

scoil  : sgoil

páiste  : pàisde

gan  : gun

údarás  : ùghdarras

oifig  : oifis (air a neo oifig)

oscailte  : fosgailte

bliain  : bliadhna

raidió  : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)

rialtas  : riaghaltas

parlaimint  : pàrlamaid

oileán  : eilean

Tùsan

  1. CnaG ¦ Census 2001 Scotland: Gaelic speakers by council area
  2. "Oifis Iomairtean na Gaidhlig
  3. "Language by State - Scottish Gaelic" aig làrach-lìn Modern Language Association, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
  4. "Languages Spoken At Home" bho làrach-lìn Riaghaltas Astràilia: Office of Multicultural Interests, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
  5. Languages Spoken:Total Responses làrach-lìn staitistearachd Seallainn Nuaidh, a' tarraing air 5 an Lùnasdal 2008

Aistidhean co-cheangailte

Ceanglaichean a-muigh

Comhlan punc Oi Polloi a sheinneas sa Ghàidhlig ag adhartachadh a' chànain air feadh na h-Eòrpa