An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tiriodh"

Jump to navigation Jump to search
Chaidh 2 bhaidht a chur ris ,  11 bhliadhna air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
No edit summary
No edit summary
Tha eilean '''Thiriodh''' anns [[na h-Eileanan a-staigh]], don iar-dheas air [[Eilean Cholla]]. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle <em>[[Earra-Ghaidheal agus Bòd|Earra-Ghaidheal agus Bhòid]]</em>. Tha timcheall air 800 duine a' fuireach anns an eilean. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beò-shlaint as motha aig muinntir an eilein.
 
'S e [[Sgairinis]] prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-[[aiseag|aiseig]] a' seòladh a Sgairinis gu ruige [[Airigh nan Gobhar]] air Colla agus [[t-Oban|an t-Òban]] air tir-mòr [[Alba]]. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid.
 
Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, ''broch'' bhon chiad linn RC, Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha steisean-reudair air an eilean a tha a' cumail sùil air pleanaichean catharra.
 
Ann an [[1770]], 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha darna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beò (a bhiodh tric claoidhte as deidhdèidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prìsean àrda), thoisichthòisich iad air cur air falbh feòil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh fèill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhàl do dhà fhichead 's a còig buidhnean de dh'àitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean àiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoidhte o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-cruite tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le cheile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh ''well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle''.
 
Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air torrtòrr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal.
 
Tha torrtòrr luchd-labhairt na [[GaidhligGàidhlig]] ann an Tiriodh ( 48.6% a-reir Cunntas-sluaigh [[2001]] ), ceudachd ardàrd airson nan Eileanan a-Staigh.
 
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic grangràn do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an earaear-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn CriosdailCrìosdail Ceilteach ann an Tiriodh fheinfhèin aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra aiteàite bhon linn seo, me. Teampull Naomh PhadraigPhàdraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh(NL 984 416).
 
Chaidh port-adhair feachd an adhair ([[RAF]]) a thogail air Tiriodh tron an [[Darna Cogadh]] agus chaidh a chleachadh mar phort-adhair chatharra as deidhdèidh a' Chogaidh. Bha cuideachd SteiseanStèisean-reudair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn Hough. Bha steiseanstèisean-tamaill aig Goirtean Dhomhnaill rompa seo agus as deidhdèidh a' Chogaidh bha steiseanstèisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn Ghott.
 
 
28

deasachadh

Clàr-taice na seòladaireachd