An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guy de Maupassant"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 6: Loidhne 6:
| OBAIR = [[Litreachas]]
| OBAIR = [[Litreachas]]
| CÀNAN = [[Fraingis]]
| CÀNAN = [[Fraingis]]
| LINN = [[19mh linn]]
| GLUASADAN = [[Nàdarras]], [[Fìorachas]]
| GLUASADAN = [[Nàdarras]], [[Fìorachas]]
| CREIDEAMH = [[Caitligeach]]
| CREIDEAMH = [[Caitligeach]]

Mùthadh on 12:49, 30 dhen Dùbhlachd 2010

Teamplaid:Sgrìobhadair

B’ e Guy de Maupassant, neo Henry-René-Albert-Guy de Maupassant, ùghdair Fraingeach. Rugadh e air 5mh latha dhen Lùnasdal 1850 anns a’ Chaisteal Miromesnil ann an Tourville-sur-Arques (Normandaidh) agus chaochail e air an 6mh latha dhen Iuchar 1893 ann am Paris.[1][2]

Bha e gu math dlùth air Gustave Flaubert agus Émile Zola, agus thug e buaidh mhòr air litreachas na Frainge leis na sia nobhailean aige, Une Vie 1883, Bel-Ami 1885, Pierre et Jean 1887-1888 nam measg, ach gu seachd àraidh leis a chuid sgeulachdan (còrr is 300) mar Boule de Suif 1880, les Contes de la bécasse 1883 neo le Horla 1887. Tha a chuid obrach cho tarraingeach oir tha i làn fìorachas neartmhor, aogas mòr gaotharlanachd agus air sàilleabh an eu-dòchais a sgaoileas i gu tric, ach cuideachd o chionns gu bheil stoidhle fìor-mhath aige.

Cha robh Guy de Maupassant an sàs anns an litreachas ach fad deichead – bho 1880 gu ruige 1890 – oir dh’fhàs e, beag air bheag, neo-ciallach gus a bhàsaich e aig dìreach 42 bliadhna a dh’aois. Ainmeil nuair a bha e beò, tha Guy de Maupassant fhathast gu math cliùiteach gus an latha an-diugh, agus tha na sgrìobh e a bhith a dhol bho neart gu neart is a chuid obrach e a’ nochdadh daonnan anns na filmichean.

Teaghlach

‘S e seann teaghlach beartach a bhuineadh do Lorraine o shin, ach air a stèidheachadh anns an Normandaidh bho mheadhan na 19mh linne a bh’ann na Maupassant. Phòs athair Ghuy, Gustave de Maupassant, le Laure le Poittevin ann an 1846, is ise nighean a bhuineadh do teaghlach gu math bùirdeasach. ‘S e cairdean Gustave Flaubert, a bh’innte is a bràthair Albert: Thug Flaubert, mac dotair lannsa à Rouen agus sàr ùghdair Fraingeach cuideachd, buaidh mhòr air beatha Ghuy de Maupassant. ‘S e boireannach fa leth foghlaimte a bh’ann Laure le Poittevin agus bha i uabhasach dèidheil air an litreachas clasagach, gu seachd àraidh William Shakespeare. Rugadh Hervé, am bràthair beag aig Guy, ann an 1856. Theich Laure le Poittevin bhon a’ fhear-chèile ann an 1860 o chionns nach robh e cho tairiseach dhi, agus chaidh i gu Étretat leis an dithis mhac aice. Chaochail i an dèidh a chuid chloinne is a fear-chèile.

Leabhraichean

Iomraidhean

  1. Encyclopædia Britannica
  2. Encyclopédie Larousse