An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tibirita"
b robot Adding: war:Tibiritá |
b robot Adding: fr:Tibirita |
||
Loidhne 58: | Loidhne 58: | ||
[[en:Tibiritá]] |
[[en:Tibiritá]] |
||
[[es:Tibirita]] |
[[es:Tibirita]] |
||
[[fr:Tibirita]] |
|||
[[it:Tibirita]] |
[[it:Tibirita]] |
||
[[nl:Tibirita]] |
[[nl:Tibirita]] |
Mùthadh on 07:23, 19 dhen t-Samhain 2010
Tibirita
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Faidhle:Flag of Cundinamarca Department.svg Cundinamarca | ||||
Àirde | 1980m | ||||
Co-chomharran | |||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 2,888 (2005) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Tibarita |
‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia, a th’ann Tibirita. Tha e suidhichte anns a’ cheàrn Almeidas, aig 121 km bho Bogotá. Tha àireamh-sluaigh dhe 2,888[2] aige. Tha e suidhichte air an ear-thuatha na roinne, aig 1,980m os cionn ìre na mhara. Tha teodhachd mheadhanach dhe 18 celsius air feadh a' bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1593.
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 3,018 nan tàmh anns a' bhaile, tha 2,513 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireamh-sluaigh traidiseanta a th’ann an Tibitita fhathast.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Tibirita. ' S urrainn dhan 85.6% dhe na daoine ann an Tibirita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 6.6% dhe na dachannan.[5]
Turasachd
- Obair-ciùird: Obair-chreadha agus clò ann an clòimh agus snàthainnean fique.
- Taigh a’ Chultair: far a bheil an dealbh-ball "Los Promeseros".
- Eas uisge La Toloca
- Uisgeachan Las Termales
- Seallaidhean brèagha air beinn ris an canar Cerro del Volador
- Ceàrnag ann am meadhan a’ bhaile: Con piso en lajas naturales.
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Titibita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
Rufino Cuervo y Barreto: Ceann-suidhe na dùthcha
Monseñor Agustín Gutiérrez Jiménez: Sagart
José Antonio Castañeda Morales
Carlos Reyes: Dealbhadair
Luis Alfredo Rojas: Dealbhadair