An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Solas na Greine"

O Uicipeid
Content deleted Content added
+ iw, layout
Loidhne 13: Loidhne 13:
[[de:Morning Has Broken]]
[[de:Morning Has Broken]]
[[en:Morning Has Broken]]
[[en:Morning Has Broken]]
[[nl:Morning Has Broken (lied)]]
[[no:Morning Has Broken]]
[[no:Morning Has Broken]]

Mùthadh on 11:51, 14 dhen Iuchar 2010

‘S e “Solas na Greine” aon de na laoidhean is ainmeil agus fear a tha gu h-araidh cumanta a measg clann sgoile. Chan eil e ainmeil mar laoidh abhaisteach a mhain; chuir an seinneadar Cat Stevens a-mach clar leis fhein a seinn an laoidh ann an 1971. Dh’fhas torr dhaoine eolach air an laoidh tron an dreach sonraichte a chuir Stevens air an deidh dhan an clar aige No. 6 a ruighinn anns na charts Americanach. Gu dearbh chanadh cuid gur e Solas na Greine an ‘signature song’ aige.

Nochd an laoidh airson a chiad uair anns an dara iris den leabhar “Songs of Praise”, a chaidh fhoillseachadh an 1931. S’ann ris am fonn ‘Bunessan’, le Martin Shaw, a bha na facail aig an t-am seo. Thuirt deasaiche an leabhar, Percy Dearmer, gun robh feum ann airson laoidh a bha toirt seachad taing airson gach latha. Mar sin dh’iarr an bhicar a bha a cruinneachadh piosan airson an leabhar air am bard agus ughdarr-cloinne Shasannach, Eleanor Farjeon, “pios bardachd a sgriobhadh a dheidheadh comhla ris am fonn alainn Gaidhealach” a bhuineadh ris an 19mh linn.

Bha cliu mhor aig Farjeon mar sgriobhadar de leabhraichean chloinne. Rugadh I gu bana-chleasaiche agus sgriobhadair agus dh’fhas I suas ann an dachaidh far an robh mu 8,000 leabhar air na sgeilpichean. Thoisich I a sgriobhadh sgeulachdan agus bardachd nuair a bha I seachd bliadhna a dh’aois agus mun am a bha I sia-deug bha I air opra a sgriobhadh airson Acadamaidh Rioghal Ceol. Bhuannaich I iomadh duais airson na leabhraichean aice.

Chaidh am fonn “Bunessan” a lorg anns an cruineachadh aig L. McBean, “Songs and Hymns of the Gael”, a chaidh fhoillseachadh ann an 1900. Must do sgriobh Farjeon na facail airson am pios, chaidh a chleachadh mar duan nollaig a bha a toiseachadh le na facail “Child in the manger, Infant of Mary” air an eadar-theangachadh bho na facail Gaidhlig a sgriobh Mairi NicDhomhnaill. Bi an laoidheadar Caitligeach cuideachd a cleachdadh am fonn “This Day God Gives Me” comhla ris na facail.

Chan ann mu madainn, no beul an latha, a tha am bardachd a bruidhinn ach mu Dia a cruthachadh Neamh agus an Cruinne, mar a tha air innse san Seann Tiomnadh ann an leabhar Genesis. Gu h-inntinneach, ged a bha an bhicar ag iarraidh laoidh mu chruitheachd, cha robh iad ag iarraidh laoidh a bha gu sonraichte Criosdaidh na fhacail agus chanadh cuid gu bheil ceangal aig am pios ri creideamhan nan Iuthaich agus nam Muslamaich. Le mar a tha na facail a deanamh dealbh de dh’uisg, dealt, dearrsadh na greine, eoin, glasaich agus an “garadh fliuch”, dh’fhaodadh tu radh gu bheil na tri rannan cuir air adhart iomhaigh de Gharradh Eden seach cruthachadh an talmhainn.