An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 91: Loidhne 91:
[[cs:Soustava SI]]
[[cs:Soustava SI]]
[[cu:Мєждоунаро́дьнъ мѣ́ръ сѷсти́ма]]
[[cu:Мєждоунаро́дьнъ мѣ́ръ сѷсти́ма]]
[[cy:Uned Safonol Rhyngwladol o Unedau]]
[[cy:System Rhyngwladol o Unedau]]
[[da:Système International d'Unités]]
[[da:Système International d'Unités]]
[[de:Internationales Einheitensystem]]
[[de:Internationales Einheitensystem]]

Mùthadh on 23:44, 5 dhen Iuchar 2010

Anns a’ bhliadhna 1960, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta air Cuideaman agus Tomhaisean ris an ainm Système International d'Unités (Siostam Eadar-Naiseanta de Aonadan), agus ris a’ ghearr-sgriobhadh eadar-naiseanta SI , airson an siostam de aonadan-thomhais practigeachd a chaidh air mhòladh leis a’ chomhairle.

Tha an SI steidhichte air seachd bun-aonad. Air barrachd na bun aonadan, dh’aontaich an 11mh Comhairle Ginearalta, riaghailtean airson ro-ainmean, airson aonadan-leasaichte, agus airson gniomhan eile.

Is àlach de aonadan sar-sonraichte, a tha anns an seachd bun-aonad. Gabhar, le abhaisteas, gu bheil gach bun-aonad a’ tomhais bun-feart a tha neo-eisimileach ri cach air taobh seoladh. Is iad na bun-aonadan : An Metre (m), and Cilogram (kg), an Diog (d), An Ampere (A), An Ceilbhin (K) An Mól(mol) agus an Càindeile(Cd).

Tha na aonadan-leasaichte cruthaichte as bun-aonadan co-cheangailte. Tha cruth de gach aonad-leasaichte a reir an cairdeas ailseabrachd eadar a bhun-fheartan.

Tha ainmean (agus comharraidhean) sonraichte ri na h-aonadan-freumhaichte bu cudthromach. Far a bheil ainm sonraichte do aonad-freumhaichte, faodar don ainm is comharra a bhi cleachda an tuairsgeulan agus mar pairt de aonadan ro-leasaichte.

Chan eil an SI na shiostam reoithte, ach theid a leasachadh gu leantainneach mu choinneamh sar-fheuman tomhais de saidheans agus teicneòlas.


Na Bun Aonadan

Meatair m

Is an t-aonad de Fàd a tha anns an meatair.

Is meatair an astar a shuibhalas gàth sholais, ann an falamhantas, re dail tím de 1/299 792 458 de diog.

Cilogram Kg

Is an t-aonad de Màs a tha anns an Cilogram.

Tha màs a’ Chilograim co-ionnan ri màs den ro-shamhuil eadar-naiseanta.

Diog s

Is an t-aonad de Tím a tha anns an diog.

Is diog an dail tím ré 9 192 631 770 dail den reideachd saoraichte le adamh de Caesium 133, agus an adhamh an iompachadh eadar dà inbhe haidhper-mìn de a bhun-stàid.

Ampere A

Is an t-aonad de Srùth-Dhealanachd a tha ann an Ampere.

Is e a tha anns an Ampere an sruth-dhealain cunbhalach a bhiodh, nan ro e na srùthadh tro dà teud direach, de tar-raoin neo-mheudachd, , de fàd eicriochte, co-shinte le astar de 1 metre eadarra agus suidhichte ann an falmhantas, ag aobharachadh forsa eadar an dà theud co-ionnan ri 2 x 10-7 Newton air gach metre nan fhàid.

Ceilbhin K

Is an t-aonad teasad teirmidinimiciúil a tha anns an Ceilbhin.

Is e a tha anns an Cheilbhin ceum de teasad teirmidinimiciúil co-ionnan ri 1 / 273.16 de an teasad teirmidinimiciúil aig am pung tri-staideachd de uisge.

Mól mol

Is aonad uimhir a tha ann an Mól

1. Is uimhir de stugh a tha ann an mól, le aireamh de bun-mirean co-ionnan ris an aireamh de àdamhan a tha ann 0.012 cilogram de Carbon 12.

2. Nuair a theid cleachdadh air an mól, b’fheudar do na bun-mirean a bhi sonraichte, faodar bun-mhirean na cuise a bhi àdamhan, moileiciuilean, ionan, éileactronan, neo buidhnean-mirean sonraichte le na mírean sin.

Càindeile Cd

Is an t-aonad de soillearad a tha ann an Càindeile

Is e a tha anns a’ Chaindeile, an dlùths-sholais, ann an rian ainmichichte, bho mathair-sholais a sgaoileas reideachd mhonocrómatachd aig minigead de 540 x 10 12 Hertz, agus le dluths-reideachd anns an rian sin de 1/683 Bhatt air an stereidean.

Aonadan Leasaichte

Tha ficheadan de aonadan-leasaichte anns an t-Système International. Tha cuid dhaibh ri lorg anns an earann seo.

Joule (J) : Is aonad-luith a tha anns an Joule.

Bhatt (W): Is aonad Cumhachd a tha anns an Bhatt.

Ceanglaichean a-mach

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA