An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uisge-beatha"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: kn:ವಿಸ್ಕಿ
b robot Adding: ta:விஸ்கி
Loidhne 91: Loidhne 91:
[[sr:Виски]]
[[sr:Виски]]
[[sv:Whisky]]
[[sv:Whisky]]
[[ta:விஸ்கி]]
[[th:วิสกี้]]
[[th:วิสกี้]]
[[tr:Viski]]
[[tr:Viski]]

Mùthadh on 16:26, 14 dhen Ògmhios 2010

Is e uisge beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn. Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge beatha, mar is àbhaist, buidhe is trid-shoilleir.

Gu tradiseanta, tha uisge beatha air tarraing a braich, se sin eòrna a th'air brachadh (toirnichte). As dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.

Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an tòiseach am brachadh a dhèanamh caochan.

Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (As deidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).

Uisge-beatha na h-Alba

Se deoch nàiseanta na h-Alba. Tha uisge beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Eireann gu Dal Riada.


Dhèanadh na Gaidheil uisge beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gniomhachas mòr a th'ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta a'dèanamh uisge beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.


Roinntean Uisge Beatha ann an Alba

Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinntean tìr-eòlasach: Ìle, A'Ghaidhealtachd, Srath Spè, A'Ghalltachd, Na h-eileanan, An Iar-ghaidhealtachd, agus Ceann Loch Chille-Chiarain.

Seo cuid de na taighean-staile ainmeil:

Teamplaid:Link FA