An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Teicneòlas"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 94: Loidhne 94:
[[ru:Технология]]
[[ru:Технология]]
[[sah:Технология]]
[[sah:Технология]]
[[si:තාක්‍ෂණය]]
[[simple:Technology]]
[[simple:Technology]]
[[sk:Technológia]]
[[sk:Technológia]]

Mùthadh on 13:11, 11 dhen Ghiblean 2010

Speurair

Is e a tha ann an teicneòlas an alach de sgilean agus fiosrachadh a tha sònraichte ri cruthachadh goiresan de gach seòrsa.

Aithnichear anns an latha an diugh tri inbhe de teicneòlas: Teiceòlasan Iosail, Teiceòlasan Meadhanach agus Ard Teicneòlasan.

Mar sin tha teicneòlas (ged nach eil e ach aig ìre iosal) an dèanamh bogha agus saighead le ceann cloiche. Feumaidh muinntir a' chiad dhomhainn a bhi faiceallach co-dhiu nuair a bhios iad a' measadh teiceòlasan simplidh - oir ged nach eil na teiceòlasan fa-leth seo stèidhichte air saidheans mar a bhiodh sinn ga tuigsinn, tha eòlas agus sàr-sgìlean aig tùsanach air bith a tha comasach a dhèanamh faobhar-ghearraidh a spealg cloiche.

Thoisich sàr-eòlaich a dh'aithnich seo rè na beagan bliadhnaichean a chaidh, bu sònraichte an Canada, far a bheil 's an latha an diugh colaiste neo dha a' tairgse cùrsaichean an "teicneòlasan tùsanaich" air tòiseach a dh'aithneach.

Tuigsear, bho na facail as àirde, gu bheil roinn de teicneòlas sonraichte ri gach roinn gnìomhacais. Nas àirde a bhios inbhe de teicneòlais, nas eagnaidh a bhios na rudan deanta leis na teicneòlaich.

Tha obraichean (neo innealan) mar "rathad-iarainn" nam deagh eisimplir den dòigh a tha teiceòlas fa-leth sonraichte ri gach seòrsa muileann, agus tha diofar seòrsaichean rathad-iarrainn a' crochadh air teicneòlasan aig ireaibh eadar-dhealaichte. Anns an 17mh Linn, cha deach cleachdadh air gadaibh iarrainn ach air maideaibh fiodha.

Gleidhear na carbadan air na gadaibh leis na slisean agus sin a h-aon prionnsabal a tha cleachdta 'san lath an diugh ged is a tha "An teicneòlas air gluasad ar adhart gus an aite cuibhltean fiodh a ruithe aig 2mph air gadaibh fiodh, chi sinn treinichean sar-luatha le cuibhltean stalainn a ruith aig 300 mile san ur air gadaibh stalainn.