An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan de Dios Aranzazu"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b litreachadh
No edit summary
Loidhne 13: Loidhne 13:
<tr>
<tr>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Ainm na Dùthcha</th>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Ainm na Dùthcha</th>
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">[[Coloimbia Mhòr]]
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">[[file:Flag of New Granada.svg|22px]] [[Poblachd Ghranada Ùire]]
</tr>
</tr>
<tr>
<tr>

Mùthadh on 19:08, 5 dhen Ghiblean 2010

Juan de Dios Aranzazu

Ainm na Dùthcha Poblachd Ghranada Ùire
Teirm 5mh an t-Iuchar 1841 gu 19mh an Cèitean 1842
Ro-Theachdaire Pedro Alcántara Herrán
Neach-Ionlaid Pedro Alcántara Herrán
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 8mh am Màrt 1798
Àite Bhreithe La Ceja Antioquia
Ceann-Là a Bhàis 14mh an Giblean 1845
Àite a Bhàis Bogotá Cundinamarca
Bean/Fear-Chèile Cha do phòs e a-riamh
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-poileataigs

B’ e Juan de Dios Aranzazu (La Ceja, Antioquia,8mh am Màrt 1798 - Bogotá, 14 an Giblean 1845) fear-poileataigs à Coloimbia[1], is e a’ chiad cheann-suidhe na dùthcha à Antioquia. Bha e na Riaghladair air Antioquia eadar 1832 agus 1836. Thòisich e na ciad seiseanan Mòr-dhail Roinn na h-Antioquia.[2]

Beatha

Rugadh e 8mh am Màrt 1798 ann an La Ceja, Antioquia, is e mac María Antonia González agus José María de Aranzazu a bh’ ann is ‘s e fear-malairt gu math beartach dhe freumhan Spàinnteach a bha na athair. Na òige, dh’ionnsaich e Lagh aig a’ Cholasite San Bartolomé, ann am Bogotá. Bha esan fhèin ann sàs ann an gnothach aig an teaghlach aige cuideachd, is le sin b’ fheudar dhàsan a dhol mun cuairt air feadh Choloimbia agus na dùthchannan mu a thimcheall mar A' Bheiniseala agus Eileanan a’ Chairibianach.

Bha e an sàs anns a’ poileataigs bho 1823 agus bha e iomadh turas os cionn a' Mhòir-dhail. Bha e na bhall a’ Cho-Chruinneachadh ann an Ocaña ann an 1828. Thug e pàirt ann an coimisean còmhla ri José Antonio Páez a dh’ fheuch, gun shoirbheachas, ris an sgaradh dhen Bheiniseal bho Coloimbia Mhòr a sheachnadh.

Thug e taic dhan ar-a-mach a rinn José María Córdova an aghaidh an deachdaireachd aig a’ Cheann-suidhe Simón Bolivar ann an 1829.

Riaghladair na h-Antioquia

Chaidh na bailtean Campamento, Cocorná, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Liborina a steidheachadh fad ‘s a bha e na Riaghladair. ‘S e ro-ruitheach na rathaid chun na mara a bh’ ann.

Ceann-suidhe na Poblachd

Bha e na chathraiche Comhairle na Stàite rè an Riaghaltais aig Pedro Alcántara Herrán. Le sin, bha e na cheann-suidhe Cholombia eadar 1841 agus 1842, fhad ‘s a bha Alcántara Herrán air dhìth is esan a’ stiùireadh na feachdan armachd aig àm Cogadh nan Àrdanach, agus leis nach b’ urrainn dhan leas ceann-suidhe, Domingo Caycedo Santamaría, an dreuchd fhaighin air sgàth gu robh e tinn.

Cuimhneachadh

Chaidh am Baile Aranzazu, a steidheachadh ann an 1853 ann an Caldas, mar chuimhneachadh an Fhir Poileataigs sin a rugadh ann an Antioquia, air sgàth 's gun tug esan fhèin am fearann far a bheil am baile an latha an-diugh mar thabhartas.[3]

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Baile Aranzazu

Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)