An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rònaigh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: nds:Rona
b robot Adding: nn:South Rona
Loidhne 26: Loidhne 26:
[[fr:South Rona]]
[[fr:South Rona]]
[[nds:Rona]]
[[nds:Rona]]
[[nn:South Rona]]

Mùthadh on 14:41, 21 dhen Ghearran 2010

Suidheachadh Rònaigh anns na h-Eileanan a-staigh
Cruth na tìre Rònaigh

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Rònaigh (IPA: [ˈrˠɔːnaj], Beurla: Rona). Uaireigin canar Rònaigh a Deas dha airson sealltainn gu bheil e eadar-dhealaichte bhon Rònaigh a Tuath faisg air Sula Sgeir. Tha Rònaigh suidhichte eadar an Eilean Sgitheanach agus leth-eilean A' Chomraich. Tha Ratharsair san àird a deas dheth.

Tha an t-eilean cho farsaing ri 3.6 miltean ceàrnagach, agus ‘s e Meall Acairseid an t-àite as àirde, tha e 125 meatair (410 troigh) a dh’àird. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 34′ 0″ Tuath agus 5° 59′ 0″ Iar.

Thàinig an t-ainm Rònaigh bhon fhacal Seann Lochlannais Hrauney , agus tha e a’ ciallachadh "Eilean sturrach". [1]

'B e Acarsaid Mhòr an tuinneadh as motha a bha ann. Ged a bha 180 duine a' fuireach anns an eilean anns a' bhliadhna 1881 chan eil ach dithis a bha ann anns a’ bhliadhna 2001. Tha manaidsear an eilein a' fuireach ann an Rona Lodge, far a bheil leabaidh is bracaist. Tha taighean beaga air mhàl ann an Acarsaid Thioram cuideachd.

Tha aiseag a’ dol eadar Port Rìgh agus Rònaigh dà turas gach seachdain.

Iomraidhean

  1. "Placenames", duilleag 101, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach