An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eige"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b roboto aldono de: ca:Eigg
b robot Adding: nn:Eigg
Loidhne 38: Loidhne 38:
[[nds:Eigg]]
[[nds:Eigg]]
[[nl:Eigg]]
[[nl:Eigg]]
[[nn:Eigg]]
[[no:Eigg]]
[[no:Eigg]]
[[ru:Эгг]]
[[ru:Эгг]]

Mùthadh on 22:33, 12 dhen Ghearran 2010

Eige; sealladh bhon aiseig eadar Mallaig is Armadale
An Sgurr, a' bheinn as àirde air an eilean

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Eige (IPA: [ˈekʲə] ). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh air àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus air àird a thuath leth-eilean Àird nam Murchan. Tha Eige 9 cilemeatair a dh’ fhad agus 5 cilemeatair a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Anns a’ bhliadhna 2008 bha timcheall air 85 duine a’ fuireach anns an eilean fhèin. Tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach ann an Cleadale. 'S e tuineachaidhean eile a tha ann an Kildonnan agus Galmisdale.

'S e An Sgurr (393 meatair/1289 troigh) a’ bheinn as àirde a tha anns an eilean. Ann am meadhan Eige tha àrd-thìr ann a tha còmhdaichte le monadh.

Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Tha an cidhe faisg air Galmisdale. Tha taigh-solais ann an Eilean Chathasteil dìreach air àird an earra-dheas Ghalmisdale. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.

Anns a’ bhliadhna 1997 cheannaich muinntir an àite an t-eilean.

Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le Sgùrr Eige. Bha ainm eile air Eige cuideachd: Eilean nam Ban mòra [1]

Iomraidean

  1. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 45, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: