An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ramón González Valencia"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 13: Loidhne 13:
=== Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886 ===
=== Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886 ===


‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh [[an Cèitean]] dhe [[1910]] airson a’ Bun-Reachd dhe[[ 1886]] a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, [[Carlos E. Restrepo Restrepo]], [[Pedro Nel Ospina]], [[Enrique Olaya Herrera]], [[Rafael Uribe]], nam measg.
‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh [[an Cèitean]] dhe [[1910]] airson a’ Bun-Reachd dhe[[ 1886]] a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, [[Carlos E. Restrepo Restrepo]], [[Pedro Nel Ospina Vásquez]], [[Enrique Olaya Herrera]], [[Rafael Uribe]], nam measg.


Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:
Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:

Mùthadh on 23:16, 19 dhen Fhaoilleach 2010

Ramón González Valencia

B’ e ' Ramón González Valencia' (Chitagá, Norte de Santander, 24mh an Cèitean 1851 - Pamplona, Norte de Santander, 3 an Damhair 1928) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia. Bha e na Ceann-suidhe na dùthcha bho 3 an Lùnasdal 1909 gu 7mh an Lùnasdal 1910. Chaidh e a dh’ainmeachadh ceann-suidhe leis a’ Mhòr-dhail an àite Rafael Reyes, is e na leas ceann-suidhe fodha eadar 1904 agus 1909.

Beatha armachd

‘S e saighdear gu math ainmeil a bh’ann González is thug e pàirt ann an iomadh chogadh cudromach air feadh na dùthcha, chan eil a’ dèanamh rian-iomairtean a-mhàin, ach bha e an sàs anns na sabaidean cuideachd, agus fhuair e cliù anns na cogaidhean sìobhalta dhe 1876 agus 1895, a bharrachd air Cogadh na Mìle Làithean.

Ceannas Coloimbia

‘S e co-chruinneachadh a ghairm tro Lagh àireamh 3 dhe 1910 airson ath leasachaidhean a sgrùdadh is a ghabhail ris taobh a’ Bun-Reachd dhe 1886 an rud na bu chudromaiche a rinn e fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais. Chruthaich an t-Ath Leasachadh poileataigeach sin ùine mhòr shìtheil airson na dùthcha, is le sin chaidh pròiseas dhe ùrachadh eaconamach a chur air dòigh.

Ath-leasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1886

‘S e co-chruinneachadh a chuir González air bhog 15mh an Cèitean dhe 1910 airson a’ Bun-Reachd dhe1886 a dh’ath leasachadh an rud na bu chudromaiche a rinn an Riaghaltas aige: chaidh na riochdairean a thaghadh le Comhairlean na Bailtean agus bha 45 buill ann, a’ mhòr-chuid riochdairean na Pàrtaidhean Libearalach agus Tòraidh, Carlos E. Restrepo Restrepo, Pedro Nel Ospina Vásquez, Enrique Olaya Herrera, Rafael Uribe, nam measg.

Seo liosta na h-atharrachaidhean na bu chudromaiche a rinn iad:

  • Cur às do bhinn bàis.
  • Casg air airgead ùr ann an cruth pàipear a dhèanamh.
  • Cruinneachadh bliadhnail a’ Mhòr-dhail.
  • Taghadh bliadhnail na luchd-ainmichte leis a’ Mhòr-dhail
  • Taghadh poblach ceann-suidhe na poblachd airson teirm dhe ceithir bliadhna.
  • Cha b’ urrainn dhan cheann-suidhe dà theirm fhaighinn ri chèile.
  • Casg air a’ cheann-suidhe, neo duine sam bith san àite aige, an dùthaich fhàgail fhad’ s a bhios e na dreuchd gu ruige bliadhna an a dhèidh, gun chead an t-Seanaidh.
  • Atharrachadh a’ chinn-suidhe gach ceithir bliadhna.
  • Soilleireachadh dleastanasan a’ chinn-suidhe nuair a bhios cogadh thall thairis neo ùpraid anns an dùthaich ann.
  • Ath steidheachadh na Co-chruinneachaidhean Roinneil
  • Steidheachadh na roinnean Atlántico agus Norte de Santander
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: