An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José Eusebio Otálora"

Jump to navigation Jump to search
Chaidh 612 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
 
B’ e '''José Eusebio Otálora Martínez''' fear-[[poileataigs]], [[saighdear]] agus fear-[[lagh]] à [[Coloimbia]]. Rugadh e ann am [[Fómeque]], [[Cundinamarca (Roinn)|Cundinamarca]], air 16mh [[an Dùbhlachd]] [[1826]],agus chaochail e ann an [[Tocaima]], Cundinamarca air 8mh [[an Cèitean]] [[1884]]. ‘S e ball [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàrtaidh Libearalach]] a bh’ann agus a bharrachd air sin bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar [[1882]] agus [[1884]].
 
‘S e mac tuathanach is fear malairt [[Basgach]] agus a bhean à [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]]. Chaill an teaghlach an oighreachd ann am [[Miraflores]] (Boyacá) leis gur e Rìoghailtear a bh’ann athair agus le sin b’ fheudar dhuibh a dhol gu Fómeque. Fhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil agus aig an oilthigh ann am [[Bogotá]], agus thug e ceum ann an [[lagh]] bho [[Oilthigh an Rosario]] ann an [[1852]]. An uair sin thoisich e an sàs anns a’ phoileataigs mar bhall pàrlamaid na Roinne Bogotá, ach leig esan an dreuchd sin an ceann corra mhìos, nuair a chaidh e gu [[Guateque]] an ath-bhliadhna.
 
== Iomraidhean==
Cleachdaiche gun ainm

Clàr-taice na seòladaireachd