An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Robert Louis Stevenson"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 13: Loidhne 13:


Sgrìobh Stevenson air a' choisechad aige anns an Fhraing anns an leabhar ''[[Travels with a Donkey in the Cévennes]]'' (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an [[Na Stàitean Aonaichte|Aimearaga]], far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an ''[[The Amateur Emigrant]]'' (tiotal buileach: ''The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook'', air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàs), ''[[Across the Plains]]'' (1892) agus ''[[The Silverado Squatters]]'' (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).
Sgrìobh Stevenson air a' choisechad aige anns an Fhraing anns an leabhar ''[[Travels with a Donkey in the Cévennes]]'' (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an [[Na Stàitean Aonaichte|Aimearaga]], far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an ''[[The Amateur Emigrant]]'' (tiotal buileach: ''The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook'', air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàs), ''[[Across the Plains]]'' (1892) agus ''[[The Silverado Squatters]]'' (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).

An dèidh do Stevenson tilleadh dhan Roinn-Eòrpa, sgrìobh e na sgeulan a b' fheàrr aige: chaidh ''[[Treasure Island]]'', a' chiad nobhail gu math ainmeil aige, a dh'foillseachadh ann an 1881-82 ann an [[iris cloinne]] agus ann an 1883 mar leabhar; ''[[Kidnapped]]'', far an robh e a' sgrìobhadh mu dheidhinn àm [[Murt na h-Apainn]], ann an 1886; ''[[Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde]]'', sgeulachd cho soirbheachail gum do dh'fhàs ainm a [[Gaisgeach|ghaisgeach]] pàirt a' chànain, ann an 1886 cuideachd; no cruinneachadh sgeulachdan goirid ''[[The Merry Men and Other Tales and Fables]]'' ann an 1887.

Mùthadh on 17:30, 7 dhen t-Samhain 2009

Bha Robert Louis Balfour Stevenson (13 an t-Samhain 18503 an Dùbhlachd 1894) na sgrìobhaiche Albannach. 'S iad na sgrìobhaidhean as ainmeile aige na nobhailean Treasure Island agus Kidnapped agus an sgeulachd Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde.

Beatha

Rugadh Robert Lewis Balfour Stevenson ann an Dùn Èideann, mac do Thomas Stevenson, neach-togail thaighean-solais, agus a bhean Margaret Isabella. Cha robh broilleach slàn aig a mhàthair, agus bha Stevenson tinn gu tric na ghille agus na inbheach. Anns an t-Sultain 1867, thòisich e ionnsachadh innleadaireachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ach cha robh ùidh aige anns a' chuspair, agus bho 1871 bha e ag ionnsachadh airson fear-lagha fhàs. Chrìochnaich e an t-ionnsachadh anns an Iuchar 1875, ach cha robh e ag obair na fhear-lagha riamh; bha e a' siubhal agus a' sgrìobadh an àite sin.

Ann an Grez ann an 1876, thachair e ri Fanny Vandergrift Osbourne (1840 - 1914, a rugadh ann an Indianapolis, bean do Samuel Osbourne nuair a choinnich e rithe), agus ghabh e gaol oirre an ath bhliadhna, nuair a thachair iad ri chèile a-rithist san Fhraing. As dèidh dhi tilleadh a Shan Francisco ann an 1878, lean e i gu Amaireaga ann an 1879, a' dol taobh Eabhraig Nuaidh agus Monterey gu San Francisco. Bha an turas sin dona airson a shlàinte, agus bha e grunnan uairean faisg air a bhàs. Anns a' Chèitean 1880 phòs Stevenson Vandergrift agus anns an Lùnasdal dhen bhliadhna thill iad gu Breatainn.

Eadar 1880 agus 1887 bha Stevenson an tòir air aimsir a bhiod freagarrach air a dhroch shlàinte, a' cur seachad na geamhraidhean ann an Alba agus Sasainn agus na samhraidhean anns a' Fhraing.

Sgrìobhaidhean

Bha Stevenson a' sgrìobhadh sgeulachdan mu thràth nuair a bha e na ghille, agus nochd a' chiad fhoillsechadh aige, The Pentland Rising: a Page of History, 1666, an clò nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois (dh'fhoillsich athair an leabhran). B' e a' chiad rud air do fhuair e airgead an aiste Roads, agus ann an 1868, sgrìobh e a chiad leabhar, An Inland Voyage. 'S e sin leabhar mu dheidhinn siubhail ann an curach Innseanach a rinn e anns an Fhraing agus a' Bheilg dà bhliadhna roimhe sin.

Sgrìobh Stevenson air a' choisechad aige anns an Fhraing anns an leabhar Travels with a Donkey in the Cévennes (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an Aimearaga, far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an The Amateur Emigrant (tiotal buileach: The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook, air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàs), Across the Plains (1892) agus The Silverado Squatters (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).

An dèidh do Stevenson tilleadh dhan Roinn-Eòrpa, sgrìobh e na sgeulan a b' fheàrr aige: chaidh Treasure Island, a' chiad nobhail gu math ainmeil aige, a dh'foillseachadh ann an 1881-82 ann an iris cloinne agus ann an 1883 mar leabhar; Kidnapped, far an robh e a' sgrìobhadh mu dheidhinn àm Murt na h-Apainn, ann an 1886; Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde, sgeulachd cho soirbheachail gum do dh'fhàs ainm a ghaisgeach pàirt a' chànain, ann an 1886 cuideachd; no cruinneachadh sgeulachdan goirid The Merry Men and Other Tales and Fables ann an 1887.