An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Robert Louis Stevenson"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 4: Loidhne 4:
==Beatha==
==Beatha==
Rugadh Robert Lewis Balfour Stevenson ann an [[Dùn Èideann]], mac do Thomas Stevenson, neach-togail [[Taigh-solais|thaighean-solais]], agus a bhean Margaret Isabella. Cha robh broilleach slàn aig a mhàthair, agus bha Stevenson tinn gu tric na ghille agus na inbheach. Anns an t-Sultain 1867, thòisich e ionnsachadh [[Innleadaireachd|innleadaireachd]] ann an [[Oilthigh Dhùn Èideann]], ach cha robh ùidh aige anns a' chuspair, agus bho 1871 bha e ag ionnsachadh airson [[Lagh|fear-lagha]] fhàs. Chrìochnaich e an t-ionnsachadh anns an Iuchar 1875, ach cha robh e ag obair na fhear-lagha riamh; bha e a' siubhal agus a' sgrìobadh an àite sin.

Ann an [[Grez]] ann an 1876, thachair e ri Fanny Vandergrift Osbourne (1840 - 1914, a rugadh ann an [[Indianapolis]], bean do Samuel Osbourne nuair a choinnich e rithe), agus ghabh e gaol oirre an ath bhliadhna, nuair a thachair iad ri chèile a-rithist san Fhraing. As dèidh dhi tilleadh a [[San Francisco|Shan Francisco]] ann an 1878, lean e i gu Amaireaga ann an 1879, a' dol taobh [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuaidh]] agus [[Monterey]] gu San Francisco. Bha an turas sin dona airson a shlàinte, agus bha e grunnan uairean faisg air a bhàs. Anns a' Chèitean 1880 phòs Stevenson Vandergrift agus anns an Lùnasdal dhen bhliadhna thill iad gu Breatainn.

==Sgrìobhaidhean==
==Sgrìobhaidhean==

Mùthadh on 11:32, 20 dhen t-Sultain 2009

Bha Robert Louis Balfour Stevenson (13 an t-Samhain 18503 an Dùbhlachd 1894) na sgrìobhaiche Albannach. 'S iad na sgrìobhaidhean as ainmeile aige na nobhailean Treasure Island agus Kidnapped agus an sgeulachd Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde.

Beatha

Rugadh Robert Lewis Balfour Stevenson ann an Dùn Èideann, mac do Thomas Stevenson, neach-togail thaighean-solais, agus a bhean Margaret Isabella. Cha robh broilleach slàn aig a mhàthair, agus bha Stevenson tinn gu tric na ghille agus na inbheach. Anns an t-Sultain 1867, thòisich e ionnsachadh innleadaireachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ach cha robh ùidh aige anns a' chuspair, agus bho 1871 bha e ag ionnsachadh airson fear-lagha fhàs. Chrìochnaich e an t-ionnsachadh anns an Iuchar 1875, ach cha robh e ag obair na fhear-lagha riamh; bha e a' siubhal agus a' sgrìobadh an àite sin.

Ann an Grez ann an 1876, thachair e ri Fanny Vandergrift Osbourne (1840 - 1914, a rugadh ann an Indianapolis, bean do Samuel Osbourne nuair a choinnich e rithe), agus ghabh e gaol oirre an ath bhliadhna, nuair a thachair iad ri chèile a-rithist san Fhraing. As dèidh dhi tilleadh a Shan Francisco ann an 1878, lean e i gu Amaireaga ann an 1879, a' dol taobh Eabhraig Nuaidh agus Monterey gu San Francisco. Bha an turas sin dona airson a shlàinte, agus bha e grunnan uairean faisg air a bhàs. Anns a' Chèitean 1880 phòs Stevenson Vandergrift agus anns an Lùnasdal dhen bhliadhna thill iad gu Breatainn.

Sgrìobhaidhean

Bha Stevenson a' sgrìobhadh sgeulachdan mu thràth nuair a bha e na ghille, agus nochd a' chiad fhoillsechadh aige, The Pentland Rising: a Page of History, 1666, an clò nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois (dh'fhoillsich athair an leabhran). B' e a' chiad rud air do fhuair e airgead an aiste Roads, agus ann an 1868, sgrìobh e a chiad leabhar, An Inland Voyage. 'S e sin leabhar mu dheidhinn siubhail ann an curach Innseanach a rinn e anns an Fhraing agus a' Bheilg dà bhliadhna roimhe sin.