An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ealasaid Báthory"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 72: Loidhne 72:
[[es:Erzsébet Báthory]]
[[es:Erzsébet Báthory]]
[[fi:Erzsébet Báthory]]
[[fi:Erzsébet Báthory]]
[[fr:Elizabeth Báthory]]
[[fr:Élisabeth Báthory]]
[[gl:Erzsébet Báthory]]
[[gl:Erzsébet Báthory]]
[[he:ארז'בט בתורי]]
[[he:ארז'בט בתורי]]
Loidhne 80: Loidhne 80:
[[it:Erzsèbet Báthory]]
[[it:Erzsèbet Báthory]]
[[ja:バートリ・エルジェーベト]]
[[ja:バートリ・エルジェーベト]]
[[ko:에르체베트 바토리]]
[[ko:에르제베트 바토리]]
[[nl:Elisabeth Báthory]]
[[nl:Elisabeth Báthory]]
[[pl:Elżbieta Batory]]
[[pl:Elżbieta Batory]]

Mùthadh on 03:18, 18 dhen Mhàrt 2009


Ealasaid Báthory (Erzsébet Báthory ‘san Ungaireach, Alzbeta Bátoriová-Nádašdy ‘san Slòbhàice, 7 an Lùnasdal?, 1560 - 21 an Lùnasdal, 1614), no a’ Bhaintighearna Fhuileach na Čachtice. Bha i ‘na ban-iarla agus rugadh i ceithir fichead bliadhna ‘s ceithir as dèidh bàs Vlad III Dracula, cò bha ‘na neach-cinnidh cèin, agus ‘s e am ban-mharbhaiche as maslaiche ann an eachdraidh an t-Ungair is Slobhaca bh’innte.

Bha nas motha a beatha inbheach air chosgadh aig An Caisteal na Čachtice, far an chuir i mòran bhanòglaich fo cràdh (tha 650 maighdeanan an t-àireamh air ghairm mar as trice) agus mharbh i na maighdeanan an dèidh seachdainean a' chràidh. Sa’ bhliadhna 1610, bha i air phrìosanachadh ann am braighneachd uaighneach, far am bhàsaich i. Bha a luchd-comainn air chur gu bàs. Cha robh dhearbhadh a-riamh coire.

Th’ann seann-sgeulan eugsamhaile mun cuairt a beatha, gabhail a-staigh ‘n smuain a dh’òl i no shnàmh i ‘san fhuil na ban-shearbhantan òga, agus tha iad air chreideamh à roinn gun robh iad an tòiseachadh na neach-òil na fala fionn-sgeulan eugsamhaile, an sgeul Dhracula, agus an labhairt nam mnàthan-òil na fala gu drùiseach sàdach, gu h-àraidh.

Ealasaid Báthory


An Linn Bháthory

Thàinig na sinnsearan Ealasaid (an cinneadh nan Hun Gutkeled) dhan Ungaireach Rìoghachd às an Lochlann sa’ mheadhan na chiad linn deug. Chum iad cumhachd thar mar a tha A' Phòlainn, An Ungair, Slòbhaigia, agus Romàinia. Dh’èirich an clann nan Hun Gutkeled, gabhail dreuchd na h-àirde dhàimheach aig an moch linn 13mh agus ghabh os làimh an t-ainm Báthory (a rèir ri oighreachd aca Báthor [an-diugh Nyírbátor] ciallachadh "calma") sa’ bhliadhna 1279. Ruig am cumhachd binnean sa’ mheadhan na linn 16mh, bha gu bhith marbh sa’ bhliadhna 1658, agus bhàsaich iad air falbh ann an 1680 (le an bàs na mnaoi Sheòrais Rákóczi II).

Bha a pàrantan à dhà geugan nan teaghlaich Báthory, ‘s e an bràthair-màthair Ealasaid a bh’ann an rìgh Polach, Steafan Báthory.

Beatha

Bha i air bhreith ann an Nyírbátor ‘san Ungaire là ‘n-diugh air Lùnasdal 7? 1560 agus bhàsaich i air Lùnasdal 21, 1614 ann am Čachtice ‘san Slovakia là ‘n-diugh.

Rinn i a h-òige aig an Caisteal Ecsed; chan eil fhios aig tuairisgeulan ‘san ùine seo. Bha Ealasaid pàisde glè fhiosrach; dh’fhàs i fileanta ‘san Ungairis, sa’ Ghearmailtis, agus ‘san Laideann aig àm nuair motha nan uaislean neo-ionnsaichte.

Aig an aois 11, bha i air sparradh ri fàs air suidheachadh leis an laoch uasal is buadhach Ferencz Nádasdy agus dh’imich i a-steach dham Caisteal Sárvár, far an dh’fhàs i ribleach le tuathannach air àm geàrr. Thug Ealasaid breith gu nighinn, Anastasia, agus bha a' chaileag air thoirt air falbh, le pùic air thoirt gu neach sam bith a bheil fios aig air ri seachneach masladh.

Ann an 1575, phòs i Nádasdy ‘san Vranov, agus dh’fhàs e, ann an 1578, an Prìomh-Ceannard nan Ungaireach ceatharn ‘nam cogadh an aghaidh na Turcaich. Bh’e àitheanta ri fear glè treun, ach bha e glè bhrùideil cuideachd. Bha ‘n t-eagal aig na Turcaich air agus dh’ainmich iad an Gaisgeach Dubh na t-Ungaire.

Bha ‘n tiodhlac-bainnse Nádasdy do Ealasaid a dhachaigh, an Caisteal Čachtice (suidhichte anns na Carpaitneach Bheinntean ‘san là an-diugh Siarach Slòbhaigia dlùth ri Trencin- an uair sin cuid na Rìoghachd na t-Ungaire) còmhla leis caisteal Čachtice agus le seachd bailean beaga deug dlùth. Bha an caisteal air chuairteachadh le baile beag na tuathannaich agus tìrean àiteachaile roithleacha, neadaichte am measgair feadh na cnocan. Sa' bhliadhna 1602, cheannaich an fear Ealasaid an caisteal gu deimhinnte às àrd-rìgh Rudolf II, mar sin a dh’fhàs e earras an teaghlaich Nádasdy. A chionn 's gun do chùm na sabaidean leis na Turcaich a cèile trang, dh’fhàs Ealasaid a' bhaintighearna a' chaisteil.

A chionn 's gun robh Nádasdy air falbh aig na cogaidhean, cha thug Ealasaid breith ri leanaban rè dheicheid. Thug Ealasaid breith ri nighean, Anna, an 1585, a' chiad an còig leanaban; bhiodh Katalin (Càitrìona), Miklos, Orsolya, agus Pàl a' leantainn gus an 1598. Bhàsaich dhà dhiubh aig aois òg.

Bhàsaich a fear-cèile 'san 1604, ach th'ann dà aithris a bhàis; aon chuid air a' bhlàr no aig an làimh strìopaich sa’ Bhucharest, cò dhiùlt e a phàigheadh.

'S e neo-aithnichte nuair dh’fhàs i bàsachadh maighdeannan, ach bha i dèanamh sin air cinnteach às 1585 ri 1610. Bha fios aig a cèile ‘gus a càirdean air a nàdar no-thruacanta, ach cha d'rinn iad càil ga stàdadh. Bha i a’ cur am feabhas gu buan a dòighean a' chràidh agus bha a brùidealachd àrdachadh. Ghràinich na daoine 'maireann mun cuairt a caisteal i cho mòran a dh’fhàg i an caisteal le dìonadair armaichte. Ge-tà chuir i beagan mhaighdeannan fo cràdh aig a cuidean ‘san Sárvár, Vienna, agus Keresztúr. Bha maighdeanan-tuatha dhùthchaile gu h-àrsaideach glacte 's air chur fo cràdh, ach nas fhadalaiche mharbh i cuideachd nigheanan na t-uaisle nas ìsle, gun robh air chur dham chaistealan le am pàrantan ri ionnsachadh dòighean uasal, do bhrìgh moch ‘san linn 17mh, dh’iarr pàrantan na h-inbhe làidire gu tric a bhitheadh an nigheanan foghlaimte anns na caidreamhach loinnean. Nuair dh’fhàs e àitheanta anns na cuairteachaidhean mar a bha i (is dòcha) dèanamh, bh’aice ri chur a cuidichean a-mach a bheirsinn maighdeannan à raointean an cèin. Is nuair sgaoil amharas tron rìoghachd na t-Ungaire, bh’aig a cuidichean a ghoid maighdeannan air falbh air chor gam faighinn.

Ach bha e a-mhàin an dèidh do rinn an sagart sgìre na Čachtice agus eadhon manaich às an (beagan dlùth) Vienna mòran chasaidean leis an roinn marasglach ‘san Vienna mun cuairt sgalan às a' chaisteal a chuir an t-àrdrìgh (nuadh), Matthias II, air leth ri Seòras Thurzo, morair na t-Ungaire, a rannsachadh na casaidean. Bhris Thurzo is fhir a-steach dham Čhachtice sa’ mhadainn air Dùbhlachd 29mh, 1610 agus (a-rèir ri na fionnsgeulan) lorg iad Ealsaid a-mach ‘san ghnìomh an lochda aig a' chaisteal sa’ Čhachtice, a' cur a h-ìobairteachan gu cràdh. Bha Ealasaid agus a ceithir cuidiche air chur as leth le cràdh sàdach agus marbhadh mòr. Bha Ealasaid seulaichte a-steach do cùil a caisteal gun deuchainn agus bhàsaich i ann air Lùnasdal 21, 1614. Air a cuidichean, seallaibh nas ìsle.

Coire

Bha bàrrachd air 300 daoine air cheasnachadh mus a bàs eadar 1611 agus 1614. A dh’aindeoin an t-àrdrìgh tighinn eatorra àmannan iomadaidh, cha do thachair deuchainn rèidh agus mhair a’ chùis iomlan dùinte. ‘S mathaid bha an t-adhbhar nach do dh’iarr Iarla Thurzo deuchainn a dh’ionnsaigh air neach na t-àrd uaislean (leis an robh e mhasladh aig an uair sin). A bhàrr, bha Gabriel Báthory, mac-bràthar Ealasaid, ‘na àrd-ceann na Transalbhàine agus cha do dh’iarr Thurzo a thuiteam a-steach do buaireas le Transalbhàine. Agus mu dheireadh thall, bha na maoinean aig Thurzo dlùth ris na codaichean Ealasaid agus bha ùidh aig Thurzo air a cuidean.

Tha buin sgoilearach a' toirt iomradh air an comasachd làidir gun robh i air dhìteadh gu ceàrr leis na nàmhaidean sluagh-iùlach an teaghlaich, gu mòr do bhrìgh shealbhaich an teaghlach Báthory raointean na tìre ‘gus bha iad saoibhir. Tha na bileagan eachdraigheil gu bheil maireann a’ nochdadh dìth rannsachadh, dearbhach fa làr, agus binnean gun robh air chumadh ann am còmhlan teann, sluagh-iùlach. Tha cuid nam casaid as cleasaiche ga h-ionnsaigh, sin na Sàtanachd agus òl fuil, air chreidsinn gun robh na casaidean seo breugan no beul-oideas gun do dh’fhàs mun cuairt neach gràinte. Tha cuideigin tagradh gun robh na fionnsgeulan na luchd-òl-fhala dol thar fìrinn na cuideachaidh lèigheil dheirbh ullaichte dhan tuathannaich; ‘san linn sin, bha e glè annasach gun robh cùram aig bean-uasal air an t-slàinte ‘na searbhantan, agus b’àbhaist do na luchd-comhachd lèigheile croilige chleachdadh air mòran bhliadhnaichean. Tha nuadh luchd-leamhainn nan fionnsgeul na luchd-òl fhala gu bheil air lùib ri a beatha a bhàrrachd neo-fhiosrach air no sònrachadh ri leigeil bileagan eachdraigheil agus litrichean seachad gun mhilleadh ‘s mathaid na dràmadach sgeulan a bheil glè chleasach a chaochladh.

Adhbharan

B’urrainn do adhbharan ginteile bhith air a saobhadh, do bhrìgh bha mòran ‘na sinnsearan anns na teaghlaichean a h-athair agus a màthair ‘nan luchd glè gharg (mar an t-àrd-ceann na Transalbhàine, Sigismund Báthory, a mheal a mharbhadh a luchd-cumadh). Tha fionnsgeulan, co-dhiù, ag ràdh gun robh i ‘marbhadh na maighdeanan air chor ri nighe ‘nam fuil agus, mar sin, a fhuireach òg sìor-bheò no ri leasachadh a snuadh. Air a neo, tha e air chreidsinn gun robh an teaghlach Báthory dlùth-sìolaichte agus gum b’urrainn do seo chuideachadh ri toirt gu buil na iomadh h-àimhreitean inntinneile gun robh àitheanta 'bhith aig an teaghlach.

Bu chòir dha air thuigsinn a bhith, ge-tà, gun robh bèistealachd glè bhitheanta 'n uair sin. Bha daoine glacte fo amharas de cionntan agus uaireannan eadhon luchd-fianais air chur gu cràth ri an n-aisdeachaidhean, agus bha peanasachadh nam bochd no nan nàmhaid phoileataicich bàs gu tric.

Luchd-comainn

Bha na luchd-comainn Ealasaid Dorottya Szentes (àitheanta ri Dorka), János Ujváry (àitheanta ri Ficzkó), Ilona Jó (Eidlidh Seòsamhag) agus Katarína Benická. Mach o Katarína (a cha b'urrainn do ciontach air dhreabhan a bhith), bha uile dhiubh air chur gu bàs (air losgadh beò) aig Bytča air an Fhaoilleach 7mh, 1611.

Bha an n-aideachaidhean agus dearbhadh an aghaidh Báthory air fhaighinn fo cur an cràdh le Thurzo.