An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eige"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 9: Loidhne 9:


Anns a’ bhliadhna 1997 cheannaich muinntir an àite an t-eilean.
Anns a’ bhliadhna 1997 cheannaich muinntir an àite an t-eilean.

Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le Sgùrr Eige. Bha ainm eile air Eige cuideachd: ''Eilean nam Ban mòra''
<ref>[http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pdfs/placenamesC-E.pdf Iain Mac an Tailleir], "Placenames", duilleag 45, Pàrlamaid na h-Alba</ref>

==Iomraidean==
<references/>


==Ceanglaichean a-mach==
==Ceanglaichean a-mach==

Mùthadh on 20:02, 3 dhen Fhaoilleach 2009

An Sgurr

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Eige (IPA: [ˈekʲə] ). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh san àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus san àird a thuath leth-eilean Aird nam Murchan. Tha Eige 9 cilemeatair a dh’ fhad agus 5 cilemeatair a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Anns a’ bhliadhna 2008 bha timcheall air 85 duine a’ fuireach air an eilean fhèin. Tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach ann an Cleadale. 'S e tuineachadh eile a tha ann an Kildonnan agus Galmisdale.

'S e An Sgurr (393 meatair/1289 troigh) a’ bheinn as àirde a tha air an eilean. Ann am meadhan Eige tha àrd-thìr ann a tha còmhdaichte le monadh.

Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Tha an cidhe faisg air Galmisdale. Tha taigh-solais air an Eilean Chathasteil dìreach san earra-dheas Ghalmisdale. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.

Anns a’ bhliadhna 1997 cheannaich muinntir an àite an t-eilean.

Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le Sgùrr Eige. Bha ainm eile air Eige cuideachd: Eilean nam Ban mòra [1]

Iomraidean

  1. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 45, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach