An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dail Riata"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: ro:Dalriada
b robot Adding: pt:Dalriada
Loidhne 72: Loidhne 72:
[[oc:Dál Riata]]
[[oc:Dál Riata]]
[[pl:Dalriada]]
[[pl:Dalriada]]
[[pt:Dalriada]]
[[ro:Dalriada]]
[[ro:Dalriada]]
[[ru:Дал Риада]]
[[ru:Дал Риада]]

Mùthadh on 08:39, 1 dhen Iuchar 2008

Seann rìoghachd Gaidhealach a bha stèidhichte air an aon talamh ri siorrachd Earra-Ghaidheal an latha an diuth. Chaidh aonadh a chur air bonn eadar an duthaich seo agus rìoghachd nan Cruithneach den ainm Pictavia fo Coinneach mac Alpin, Rìgh nan Gaidheal, anns a' bhliadhna 843.

Na Gàidheil a fagail Eirinn:

Anns an an ceathramh linn tha na seanachai agus luchd eachdraidh an dùil gun d’thànaig dream mhòr de dhaoine Cèilteach gu taobh an iar na h-Alba bho rìoghachd ann an ceann a tuath Eirinn den ainm Dal Riata. ‘Se nan Gàidheil a bha seo agus ‘siad a stèidhich rìoghachd Dal Riada ann an Earra-Ghaidheal agus ,an ceann còir air ceithir linn eile, a sheas le na Cruithnich fo aon rìgh airson an dùthaich ùr den ainm Alba a bhonn-shuidhicheadh. Tha e coltach gun d’fhanaig na Sgaothaich a dh-Alba ann an trì buidhnean bheag fo thriùir cheann-feadhna. ‘Se Fearghas, Lathairn agus Aonghas a bh’air na trì cheannard ud agus ghabh iad sealbh air Ceann-tire, Lathairn agus Eilean Ile leis an luchd-leanmhuinn aca. Cha robh cus trioblaid a feathamh dhaibh oir bha beag shluaigh a fuireach air taobh siar Alba aig an àm ud agus tha sinn an dùil gun robh na Cruithnich dòchasal cuideachadh fhaidhinn bho na Sgaothaich an aghaidh na naimhdean aca gu deas. Chaidh Fearghas a chrùnadh ‘na Ard-Rìgh agus bha an dithis eile, Lathairn agus Aonghas, nan àrd-riaghalairibh thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh.

Creideamh:

Bha na Sgaothaich a cumail gu creideamh Chrìosd man àm a ghluais iad a dh-Alba agus an naomh Phadraig air an iompaireachd ann an Eirinn. 'Sann bho rìghrean Dhail Riada a dh'fhàs Eilean Idhe gu bhith na chrìdhe airson an creideamh agus eaglais Chrìosdaidh ann an taobh a tuath Breatainn. Bha è ainmeil airson na mannaich aige mar naomh Calum Cille agus bhiodh Rìghean bho iomadach duthaich air an tiodhlaiceadh ann. Bha an eilean gu math ainmeil airson fòghlam, na sgrìobhaidhean sgoileireal agus an ealan aig Abaid Idhe.

Rìghrean Dal Riada:

'Se Coinneach mac Alpin an Rìgh mu dheireadh aig Dal Riada oir chaidh an Rìoghachd ùr Alba a stèidheachadh ann an 843 le e fhein mar Rìgh.


Aistean co-cheangailte