An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ùig, Leòdhas"

O Uicipeid
No edit summary
 
b Uig (Leòdhas) gluaiste ri Ùig (Leòdhas)
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 03:23, 19 dhen Mhàrt 2006

An Sgire as iomallaiche ann an Leòdhas.

'S ann a seo a thàinig an Reubailteach ainmeil Dòmhnall Cam MacAmhlaigh, a bha an-comhnaidh a' cur dragh air muinntir Dhùn Charlabhaigh.

Tha Uig nas coltach ris Na Hearadh na Chruinne Eolas, le moran bheanntan ri fhaicinn ann agus moran traighean breagha cuideachd. Gu dearbh, tha blas Gaidhlig diofraichte aig na Uigich a tha nas coltaiche ri blas Hearach na blas Leodhasach.

'S e an traigh as motha a th' ann an Traigh Uige ach tha triaghean eile aig Mangerstadh, Mealasta, Riof agus Bhaltos a tha uamhasach breagha cuideachd. Chaidh Na Fir-Tailleisg Leòdhasach an lorg an-seo cuideachd anns an 19mh linn.

'S e Mealsabhal a th' anns a' Bheann as airde san Sgire, ach 's e Suaineabhal a th' anns an fhear as breagha, a' seasamh leis fhèin ri taobh Loch Suaineabhal, Loch fada is domhainn, beagan air falbh bho na beanntan eile.

Airson bhliadhnaichean bha crann mòr reidio ag eirigh à Aird Uige, far an robh Ionad Feachd Adhair, ach dh'fhàs e meirgeach 's a-nis chan eil ach crann beag air mullach Fhorsnabhail.

Aiteachan ann an Sgire Uige