Jump to content

Regensburg

O Uicipeid
Regensburg
Rengschburch/Rengschburg (Bhaidhearnais)
Baile agus ceàrn bailteil
 
Bratach Gearradh-arm

Sealladh bhon Danub anns an oidhche
Map
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Regensburg
49°1′0″N 12°5′0″E
Dùthaich A' Ghearmailt
Stàit A' Bhaidhearn
Sgìre-rianachd Oberpfalz
Àrd-mhèar (2020[1] –) Gertrud Maltz-Schwarzfischer
Farsaingeachd 80.76 km²
Àirde 344 m
Àireamh-shluaigh 159,465 (2023)
Dlùths 1,974.55/km²
Àireamh fòn +49 (0) 941
Còd-puist 93001–93059
Clàradh carbaid R
regensburg.de

‘S e baile mòr faisg air Nürnberg, air an àirde an ear-dheas na Gearmailte a th’ ann an Regensburg (Fraingis: Ratisbonne, Beurla: Ratisbon, Eadailtis/Laideann/Spàinntis: Ratisbona). Tha e suidhichte aig 343m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Regen agus Dainiub, am broinne na stàite Bayern. Tha am baile 215km air falbh bho Stuttgart, 105km bho Mhünchen, 111km bho Phassau agus 401km bho Bherlin. Tha 140,276 duine a' fuireach ann.[2]

B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Regensburg a bh' ann bho 1803 gu ruige 1810.[3]

Bha manachainn Albannach ann. Chaidh Eaglais Naoimh Seumais a stèidheachadh le manaich à Èirinn anns an 11mh linn agus chaidh a thar-aiseag le Pàpa Leo X fo smachd Albannach ann an 1515. An dèidh dhan Ath-leasachaidh, dh'frithealaich am manachainn mar cholaiste nam miseanaraidh. B' e an aba mu dheireadh a bha ann am Benedict Arbuthnot agus an dèidh a bhàs ann an 1820 chaidh an abaid na priòireachd is chuireadh crìoch air eachdraidh Albannach na h-eaglaise.[4]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Regensburg co-cheangailte ri:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Liste der Oberbürgermeister in den kreisfreien Städten (sa Ghearmailtis) le Roinn Stadastaireachd Stàit na Baidheirn. Air inntrigeadh 19-07-2021.
  2. Destatis
  3. Köbler, Gerhard (1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich: Verlag C. H. Beck. p. 639. ISBN 3-406-33290-0
  4. Geschichte ('Eachdraidh') (Gearmailtis). Die Schottenkirche St. Jakob in Regensburg. Air a thogail 12mh dhen Chèitean 2020.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]