Peter Maxwell Davies
B' e sgrìobhaiche-ciùil à Sasainn a bha ann am Peter Maxwell Davies.
Rugadh e ann an Salford agus bha e na oileanach aig Oilthigh Mhanchester is a' cholaiste ciùil ann am Manchester, far an do thachair e ri Alexander Goehr is Harrison Birtwistle. Dh'obair e mar thidsear ann an Cirencester mus bhuannaich e sgoilearachd aig Oilthigh Phrinceton, far an do sgrìobh e a chiad opara, Taverner.
Dh'fhuirich e ann an Sanndaigh o 1971. Ann an 1977 chruthaich e an Fèis Naoimh Magnus còmhla ri George Mackay Brown, is bha opara The Martyrdom of St Magnus le ceòl le Maxwell Davies is teacsa le Brown pàirt dhi. Sgrìobh e oparan eile, mar The Lighthouse, suidhichte air tachartas sna h-Eileanan Flannach nuair a chaidh triùir luchd an taigh solais air seachran, agus Kommilitonen!.
Sgrìobh e a chiad shimphnidh ann an 1976.
Chaochail e le tinneas nan ceallan bàna ann an 2016.[1]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bha e na Mhaighstear Ceòl na Bhànrighinn eadar 2004 agus 2014.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 Hewett, Ivan: “Sir Peter Maxwell Davies obituary”, The Guardian. 14mh dhen Mhàrt 2016. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2018.