Jump to content

Passau

O Uicipeid
Passau
Båssa(u) (Meadhan-Bhaidhearnais)
Baile agus ceàrn bailteil
 
Bratach Gearradh-arm

Seann-bhaile Phassau
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Passau
Dùthaich A' Ghearmailt
Stàit A' Bhaidhearn
Sgìre-rianachd A' Bhaidhearn Ìosal
Mèar (2020[1] –) Jürgen Dupper
Farsaingeachd 69.56 km²
Àirde 294 m
Àireamh-shluaigh 54,401 (2023)
Dlùths 782.07/km²
Àireamh fòn +49 (0) 851
Còd-puist 94001–94036
Clàradh carbaid PA
passau.de

'S e baile Gearmailteach anns a' Bhaidhearn Ìosal a th' ann am Passau neo Pasabh (Meadhan-Bhaidhearnais: Båssa(u)). 'S e Dreiflüssestadt ("Baile Trì Aibhnichean") ainm eile a th' air a' bhaile.

'S e baile glè chudromach a th' ann am Passau a thaobh foghlaim roinneil. Tha ochd bun-sgoiltean stàite, aon sgoil phrìobhaideach is ionadan-taice airson bhun-sgoilearan air a tha ciorraman-ionnsachaidh anns a' bhaile, a thuilleadh air iomad àrd-sgoiltean.

Tha Oifig Biadh, Àiteachas is Coilltearachd Phassau a' maoineachadh sgoil-àiteachais far am bi cleachdaidhean-àiteachais so-sheasmhach gan teagasg do dh'oileanaich ionadail.[2]

'S e oileanaich aig Oilthigh Phassau a th' ann an tuilleadh 's a chòigeamh dhe dh'àireamh-sluaigh a' bhaile. Ged as esan oilthigh as òige na Baidheirn, leis gun do stèidheadh e ann an 1973, tha Oilthigh Phassau iomraiteach air sgàth na h-institiudan eaconomais, lagha, diadhaireachd, coimpiutaireachd is cultar-eòlais.

Stèidheadh Institiud Eòlas Caitligeach Oilthigh Phassau aig tùs na 17mh linne nuair a chaidh sgoil airson trèanadh phearsachan-eaglaise a cuir ri Gymnasium (sgoil-ghràmair) a stèidh Prionnsa-easbaig Leopold ann an 1612. Cuiridh an t-oilthigh fàilte air barrachd air 10,000 oileanach an-diugh thairis air 39 prògraman-ceuma fo-cheumnach 's iar-cheumnach.[3]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Passau co-cheangailte ri:[4]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Otto Phassau (marbh às dèidh 1383/86), sgrìobhaiche clèireachail
  • Gottlieb Muffat (1690–1770), organaiche is ceòl-sgrìobhaiche
  • Joseph Ferdinand Damberger (1795–1859), eachdraiche
  • Joseph Maximilian von Maillinger (1820–1901), seanailear is miniatear-cogaidh
  • Hans Fruhstorfer (1866–1922), taisgealaiche is eòlaiche mheanbh-fhrìdean
  • Georg Philipp Wörlen (1886–1954), peantair
  • Christian Rub (1886–1956), actair
  • Adolf Hitler (1889−1945), deachdair na Gearmailte Nàsaiche, a' fuireach an seo còmhla ri a theaghlach eadar 1892 gu 1894
  • Henry Gerber (1892−1972), neach-iomairt airson chòraichean gèidh anns na SAA
  • Ludwig Schmidseder (1904–1971), ceòl-sgrìobhaiche is cluicheadair piàno
  • Albert Ganzenmüller (1905–1996), neach-poileataigs Nàsach
  • Alfred Dick (1927–2005), neach-poileataigs
  • Nicolaus A. Huber (1939-), ceòl-sgrìobhaiche
  • Heidi Schüller (1950-), lùth-chleasaiche
  • Bruno Jonas (1952-), cleasaiche-cabaireit is actair
  • Anna Rosmus (1960-), sgrìobhaiche is eachdraiche air a' Ghearmailt Nàsaich
  • Andreas Seidl (1976-), ÀOG dhe Shauber Motorsport is seann-cheann-sgioba aig McLaren
  • Andreas Scheuer (1974-), neach-poileataigs
  • Florian Silbereisen (1981-), seinneadair is presantair-telebhisean
  • Gisela Mashayekhi-Beer (gus 1983-), cuisleanach Ostaireach
  • Michael Ammermüller (1986-), draibhear chàraichean-rèisidh

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Liste der Ersten Bürgermeisterinnen und Bürgermeister, der Oberbürgermeisterinnen und Oberbürgermeister sowie der Landrätinnen und Landräte mit Wahlergebnissen (sa Ghearmailtis) le Roinn Stadastaireachd Stàit na Baidheirn. Air inntrigeadh 21-02-2026.
  2. Landwirtschaftsschule Passau, Abteilung Landwirtschaft (sa Ghearmailtis) le Oifig Biadh, Àiteachas is Coilltearachd Phassau (2025). Inntrigte 17-02-2026.
  3. Zahlen – Daten – Fakten (sa Ghearmailtis) le Patricia Mindl, Oilthigh Phassau (2025). Inntrigte 16-02-2026.
  4. Partnerschaften und Städtefreundschaften (sa Ghearmailtis) le Turasachd Phassau.