Pàpa Frangan
Thaghadh Frangan (Laideann: Franciscus P.P.,[1] Buenos Aires, 17 an Dùbhlachd 1936) na Phàp air an 13 am Màrt 2013 an dèidh gun do leig Pàpa Beinidict XVI a dreuchd dheth san Ghearran. ‘S e a’ chiad fhear às a’ Comann Iosaid[2] a bhith na phàp a-riamh agus a' chiad fhear nach do rugadh san Roinn Eòrpa bhon a chaochail Pàpa Griogair III (à Siria), ann an 741.[3] S' e an 266mh[4] fear san dreuchd a th' ann. 'S e Jorge Mario Bergoglio an t-ainm a bh' air bho thùs. Tha e a' buintinn do theaghlach bochd dhe imrich à Portacomaro ann an ceann a tuath na h-Eadailt. Is ann air rathaidean-iarainn na h-Argentinia a dh'obair a h-athair. Mus an deach ghairm air Jorge dhan sagartachd choisinn e ceum ann an innleadaireachd cheimigeachd. A bharrachd air Spàinntis, tha Beurla, Fraingis, Eadailtis agus Gearmailtis aige cuideachd.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Iain XXIII • Pòl VI • Iain Pòl I • Iain Pòl II • Beinidict XVI • Frangan